Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Thuit Ìre na h-Atmhorachd gu 1.9% airson an Fhaoillich am-bliadhna, sin a rèir nam figearan as ùire bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Tha am figear seo fo thargaid Bhanca Shasainn de 2% airson a' chiad trup bho 2009.

Caladh Steòrnabhaigh

Chaidh a' chompanaidh togail BAM Nuttal Ltd ainmeachadh mar a' phrìomh thagraiche gus obair-leasachaidh a dhèanamh air Caladh Steòrnabhaigh. Thèid leudachadh a dhèanamh air a' chidhe a th' ann gus am bi e freagarach airson a' bhàt-aiseig ùir eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Thuirt Sìne NicÌomhair, Ceannard Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, gu bheileas an dòchas gun tèid fhoillseachadh gu h-oifigeil aig deireadh na mìos cò aig a bhios an cùmhnant anns a bheil £12m, agus gun tòiseachear an uair sin air an obair-leasachaidh fhèin anns a' bhad.

Cùram cloinne

Nì tè de na prìomh eòlaichean anns an Rìoghachd Aonaichte air cùram agus teagasg cloinne òig, ath-sgrùdadh air mar a tha e ga thoirt seachad ann an Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd leudachadh a thoirt air cho fada 's is urrainn clann òg a chur seachad ann an sgoiltean-àraich. Bidh an ath-sgrùdadh a' coimhead air na tha de luchd-obrach a bharrachd a dhìth, agus an trèanadh a dh'fheumas iad mu choinneimh an leudachaidh sin.

An Referendum

Thèid ceistean a chur air ministearan Riaghaltas na h-Alba an-diugh air dà de na prìomh chuspairean co-cheangailte ris an referendum - sin an Not agus an t-Aonadh Eòrpach. Thàinig seo às dèidh mar a thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, air an t-seachdain a chaidh nach biodh aonadh-airgid ann le Alba, agus mar a thuirt Jose Manuel Barosso gum biodh e gu math doirbh do dh'Alba ballrachd fhaighinn anns an Aonadh Eòrpach nam bitheadh i na dùthaich neo-eisimeilich.

Ionadan Seirbheis Comhairle

Thathas a' tuigsinn gu bheil ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead air cuid de na h-iondadan seirbheis aca a dhùnadh mar phàirt de dh'iomairt gus airgead a chùmhnadh. Tha cuid de na h-ionadan a tha a' dèiligeadh ri taighean-comhairle agus Cìs na Comhairle gus a bhith dùinte an-diugh gus cothroman a thoirt do riochdairean am planaichean a thoirt dhan fhollais dhan luchd-obrach. Tha dùil gun tèid na planaichean a dheasbad aig coinneimh de Chomataidh Ionmhais, Taigheadais agus Goireasan na Comhairle air an ath-sheachdain.