Dòchas mu fharaidhean coimearsalta

Bàt-aiseig Thuirt an Riaghaltas roimhe nach fhaigheadh carbadan coimearsalta lasachadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad air am misneachadh le mar a tha a' dol le còmhraidhean airson barrachd chumhachdan fhaighinn dha na comhairlean eileanach.

Choinnich riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn ann an Sealtainn Diluain.

Tha a' Chomhairle gu sònraichte toilichte le gealltanas bho Mhinistear Riaghaltas Ionadail Holyrood, Derek MacAoidh, gun coimhead e às ùr ri faraidhean aiseig nas saoire do charabadan coimearsalta an dèidh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba san t-Sultain.

"'S e seo a' chiad turas a fhuair sinn misneachd sam bith gun robh rudeigin a' dol a dh'atharrachadh a thaobh faraidhean nas saoire air carbadan coimearsalta agus an fheadhainn a tha a' giùlain bathair a-steach dha na h-Eileanan," thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Tha e nas fheàrr na an rud a chuala sinn bho chionn ghoirid ann an seo bho Mhinistear na Còmhdhail, agus 's e sin nach deadh sùil a chur ris idir às dèidh an referendum ge b' e dè thachradh anns an referendum.

"'S e ceum air adhart a th' ann aig an ìre seo gu bheileas ag ràdh seo, ach bidh sinn airson sin fhaicinn air a dhaignneachadh thairis air an mìosan a tha romhainn," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.