A' chosgais an lùib aonadh-airgid a dhiùltadh

  • 17 An Gearran 2014
Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond Image copyright Reuters
Image caption Ged is ann ris a' bhuidhinn Business for Scotland a bha Mgr Salmond a' bruidhinn, bha e follaiseach gun ann dhan t-Seansalair a bha an teachdaireachd aige.

Tha Ailig Salmond air bruidhinn a-mach gu làidir an aghaidh an t-Seansalair, Seòras Osborne, a thuirt nach bi cead aig Alba neo-eisimeileach an Not a ghleidheadh.

A' bruidhinn ri luchd-gnothachais ann an Obar Dheathain, thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh Mgr Osborne a' cur sìos air Alba a dh'aona-ghnothaich.

Thuirt e cuideachd gu bheil na prìomh phàrtaidhean aig ìre na Rìoghachd Aonaichte a' leantainn poileasaidh phoilitigich a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air an iomairt airson an Aonadh a' chumail.

Ged is ann ris a' bhuidhinn Business for Scotland a bha Mgr Salmond a' bruidhinn, bha e follaiseach gur ann dhan t-Seansalair a bha an teachdaireachd aige.

Cosgais

Thuirt Mgr Salmond gun cosgadh e "na ceudan de mhilleanan notaichean" dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte mura biodh cead air Alba neo-eisimeileach an Not a chleachdadh.

Thuirt an Seansalair an t-seachdain seo chaidh gum bi sluagh na h-Alba a' cur cùl ris an Not ma bhòtas iad airson neo-eisimileachd.

Chuir na Làbaraich agus na Lib-Deamaich taic ri beachdan an t-Seansalair, ag ràdh gun diùltadh iadsan cuideachd a dhol an sàs ann an aonadh-airgid le Alba neo-eisimeileach.

An dèidh na thuirt Mgr Osborne, sgrìobh Mgr Salmond chun na Prìomhaire, Daibhidh Camshron, a' cur às leth Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad air a bhith ri nàdar de "bhurraidheachd".

Thuirt Mgr Salmond cuideachd gum faodadh briathran Mhgr Osborne dìoladh air luchd-taic an Aonaidh, leis cho "dubhach" 's a tha an iomairt aca, agus gu bheil na chanas iad an-diugh eadar-dhealaichte bhon t-seasamh a bhiodh aca ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimileachd.

Mion-sgrùdadh

Sheall mion-sgrùdadh a chaidh a dhèanamh le Riaghaltas na h-Alba gum faodadh airgead fa-leth Albannach suas ri £500m de chosgaisean adhbharachadh dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Bhiodh na cosgaisean ri linn gnìomhachais agus bathar a-mach 's a-steach à Alba neo-eisimeileach.

Thuirt am Prìomh Mhinistear nach tug Mgr Osborne iomradh air na h-ana-chothroman a bhiodh an lùib sgaradh-airgid.

Image copyright PA
Image caption Thuirt Mgr Salmond cuideachd gum faodadh briathran Mhgr Osborne dìoladh air luchd-taic an Aonaidh, leis cho "dubhach" 's a tha an iomairt aca.

"Thuirt e nach leigear a leas a bhith ann an aonadh-airgid airson a bhith ri malairt ri dùthchannan eile. Cha leig. Ach dh'fhaodadh e cosgaisean adhbhrachadh - cosgaisean mòra," thuirt Mgr Salmond

"Tha mise an-diugh a' foillseachadh tuairmse de na cosgaisean a dh'fhaodadh a bhith mu choinneimh ghnìomhachasan anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

"Tha iad a' ruighinn na ceudan de mhilleanan notaichean."

Aonadh Eòrpach

Chaidh Mgr Salmond cuideachd às àicheadh aithrisean gum biodh e doirbh do dh'Alba neo-eisimeileach ballrachd fhaighinn san Aonadh Eòrpach.

Bha seo an dèidh do Cheann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barosso, a ràdh gur dòcha gum biodh e do-dhèante do dh'Alba faighinn dhan EU, 's gum feumadh i tagradh a dhèanamh mar stàit ùr.

Thuirt am Prìomh Mhinistear ge-tà, gun deach na h-uimhir de dhùthchannan a leigeil a-steach leis an Aonaidh Eòrpaich mar-thà, 's gum faighear air "dòigh pragmatach" a lorg do dh'Alba cuideachd.

Thuirt Mgr Salmond cuideachd nach robh gin de bhuill an AE air a ràdh gun robhas an dùil ballrachd a dhiùltadh do dh'Alba neo-eisimeileach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile