Ban-Sgitheanach air ais anns a' chùirt

  • 17 An Gearran 2014

Bidh boireannach às an Eilean Sgitheanach, a tha fo chasaid mhuirt, air ais anns a' chùirt an t-seachdain seo.

'S e èisteachd ann an dìomhaireachd a bhios aig Sandra Elizabeth Bruce (a tha cuideachd air a h-aithneachadh mar NicAnndrais), aois 59, ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Dihaoine.

Thig fios an uair sin cuin a thèid a' chùis na h-aghaidh a chumail sa chùirt.

Chaidh an corp aig Tormod Bruce, aois 64, a lorg na dhachaigh ann am Breacais san Eilean Sgitheanach an t-seachdain seo chaidh.