Dùil ris a' chiad luchd de dh'fheamainn thioram

  • 17 An Gearran 2014
Uist Asco Image copyright Uist Asco Ltd
Image caption Às dèidh cha-mhòr trì bliadhna de dhealbhachadh agus ullachadh, tha factaraidh Uist Asco ann an Solas a-nis a' giollachd feamad.

Tha dùil ris a' chiad luchd de dh'fheamainn thioram à factaraidh giollachd ùr ann an Solas an Uibhist a Tuath an t-seachdain seo.

Thuirt stiùirichean na companaidh, Uist Asco, gu bheil grunn òrdan aca ri choileanadh.

Tha dùil aig a' chompanaidh an fheamainn a chur air feadh an t-saoghail.

Às dèidh cha-mhòr trì bliadhna de dhealbhachadh agus ullachadh, tha factaraidh Uist Asco ann an Sollas a-nis a' giollachd feamad.

Tha dùil gun tig a' chiad luchd de dh'fheamainn thioram a-mach an t-seachdain seo.

Glan

Thuirt Raghnall MacIain, a tha na stiùiriche air a' chompanaidh, gu bheilear a' losgadh mu shia tunna de dh'fhiodh, à coille ionadail, gach là airson uisge a theasachadh.

Tha an t-uisge sin a' teasachadh an èadhar a bhios a' tiormachadh na feamad.

"Cha b' urrainn an fheamainn againn a bhith nas glaine na tha i.

"Tha àiteachan eile, mar a tha iad ga dhèanamh, tha iad a' cleachdadh an dara cuid ola, no gual, no hydrocarbons eile," thuirt Mgr MacIain.

Dh'innis e gu bheil a' mhòr-chuid dhiubh sin a' fàgail fàileadh agus dath dorcha air an fheamainn.

Ach leis gur e èadhar theth, bhlàth, ghlan a thathas a' cleachdadh ann an Solas, tha dath uaine nàdarra air an fhùdar a thig bhon fheamainn a th' air a bleith.

Òrdain

Bidh feum air na 26 tunna de dh'fheamainn fhliuch gach là, agus tha còir aig a' chompanaidh air feamainn Uibhist a Tuath.

Image caption Leis gur e eàdhar theth, bhlàth, ghlan a thathas a' cleachdadh ann an Solas, tha dath uaine nàdarra air an fhùdar a thig bhon fheamainn a th' air a bleith.

A-mach às na 26 tunna, thig mu 12 tunna de dh'fheamainn thioram, agus mar-thà tha grunn òrdan aig a' chompanaidh.

"Tha sinn deiseil an-dràsta airson 3,000 tunna a reic am-bliadhna," dh'innis Mgr MacIain.

Tha dùil aig a' chompanaidh an fheamainn a chur air feadh an t-saoghail, le aon de na ciad òrdain a' dol gu Indonèisia.

Thuirt Mgr MacIain gur e fùdar mìn a tha iadsan a' sireadh, 's iad am beachd a chur ann am biadh èisg agus biadh eòin.

A thuilleadh air an sin, thathas air còmhraidhean a chumail ri feadhainn à Sìona, Saudi Aràibia, An Ruis, Innis Tìle, Nirribhidh, agus air feadh Bhreatainn 's na Roinn Eòrpa cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo