Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

"Mearachd mhòr"

Thuirt seann àrd fhear-comhairleachaidh do Phrìomh Mhinistear na h-Alba gun rinn Riaghaltas Bhreatainn "mearachd mhòr" nuair a thuirt iad nach gabhadh iad ri aonta-airgid le Alba, nan bhòtadh an dùthaich airson neo-eisimeileachd. Bha Ailig Bell ag ràdh ris a' BhBC nach do chùm ministearan Westminster ri gealladh a thug iad seachad ann an Aonta Dhùn Èideann, sin nach deigheadh cùmhnantan a stèidheachadh ro-làimh.

Sìde

Tha stoirm eile an ceann a deas Bhreatainn, agus tha luchd na h-aimsir ag ràdh gum faodadh òirleach gu leth de dh'uisge tuiteam ann an sia uairean a thìde. Tha 17 rabhaidhean airson tuiltean an sàs, a' mhòr-chuid aca anns an Thames Valley. Aig a' cheart àm, tha timcheall air 16,000 dachaigh fhathast às aonais dealain, às dèidh na stoirm Diciadain.

Peinnseanan

Fhuair ath-sgrùdadh air peinnseanan gu bheil mòran dhaoine a' call a-mach len cuid pheinnseanan. Tha Ùghdarras Giùlain an Ionmhais ag ràdh gum biodh ochdnar às gach deichnear air peinnsean na b' fheàrr fhaighinn nam biodh iad air tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.

Fo-thaghadh

Ghlèidh na Làbaraich fo-thaghadh Wythenshawe and Sale East, a chaidh a chumail às dèidh dhan Bhall-Pàrlamaid Paul Goggins bàsachadh. Bha UKIP anns an dàrna àite, a' dol bho 3% gu 18%. Dh'fhàg sin na Tòraidhean anns an treas àite. Thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gur e briseadh-dùil a bh' ann, agus gun dèanamh am pàrtaidh an dìcheall taic dhaoine fhaighinn air ais.

Gearraidhean

Mhol Comhairle nan Eilean Siar àireamh nam ball a ghearradh gu 26 no 27 duine. Tha 31 ball ann an-dràsta. Bha Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh nach deigheadh sgìrean ro mhòr fhàgail aig gach ball. Tha a' Chomhairle a' feuchainn ri airgead a chùmhnadh agus dh'aontaich iad a-raoir £2.6m a ghearradh bho bhuidseat na h-ath-bhliadhna.