Iomairt airson chòirichean Gaeilge

  • 14 An Gearran 2014
Teach Laighean Image copyright Richard Sowersby
Image caption Bidh sluagh a' caismeachd air Teach Laighean, far a bheil an tOireachtas stèidhichte, Disathairne.

Tha dùil ri sluagh mòr air sràidean Bhàile Átha Cliath Disathairne agus luchd-iomairt mì-thoilichte mu shuidheachadh na Gaeilge ann an Èirinn.

Tha Lá Mór na Gaeilge ga chur air dòigh agus daoine ag iarraidh seirbheisean poblach a bhith ri fhaotainn ann an Gaeilge, mar a tha iad ann am Beurla.

Tha buidheann gus caismeachd air Oireachtas na h-Éireann (a' Phàrlamaid air Sráid Chill Dara) gus fianais a thogail.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gum bu chòir innse gu soilleir don Riaghaltas gu bheil iad mì-thoilichte dha-rìribh seach gu bheil crìonadh a' tighinn air na seirbheisean a chleachd a bhith ann do luchd na Gaeilge.

Feargach

Tha iad a' fàgail air an Riaghaltas gu bheil iad a' briseadh riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich a thaobh mhion-chànanan, agus a' dol an aghaidh na tha sgrìobhte ann am Bunreacht na hÉireann.

Anns a' bhun-reachd, 's i a' Ghaeilge "prìomh chànan oifigeil na h-Èireann" leis a' Bheurla mar "chànan oifigeil eile".

"Chan eil e furasta sam bith fiù 's còmhradh sìmplidh a chumail ri oifigear ann an oifis riaghaltais sam bith tro mheadhan na Gaeilge," thuirt Pádraig Ó Conchubhair, a tha a' fuireach faisg air Baile Átha Cliath, 's a bha a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

"Dh'fhàg an Coimisinéir Teanga, Seán Ó Cuirreáin, a dhreuchd, agus e mì-thoilichte gun robh an àireamh de chasaidean a tha a' tighinn dhan oifis aige, agus muinntir na h-Èireann a' gearain nach urrainn dhaibh na seirbheisean fhaighinn bhon Riaghaltas sa Ghaeilge.

"Tha e follaiseach a-niste gur ann a' cùlachadh a tha an Riaghaltas ann am Poblachd na h-Èireann bho na h-amasan a dhealbhaich iad fhèin, agus nach eil iad a' feuchainn ri adhartas sam bith a dhealbhachadh airson na Gaeilge san àm a tha romhainn," thuirt e.

Aimsir

Tha dragh ge-tà, gum faod an aimsir buaidh a thoirt air an àireamh de dhaoine a nochdas gus fianais a thogail.

"Tha dùil gum bi là uabhasach ann Disathairne, agus mar sin dheth, tha an gnothach uile gu lèir a' crochadh air dè an àireamh de dhaoine a thig a-mach, agus dè na bhios iad ag ràdh," thuirt Pádraig.

"Ach leanaidh an iomairt seo. Chan eil ann ach toiseach-tòiseachaidh nam bheachd-sa. Leanaidh a' chonnspaid a tha seo agus muinntir na h-Èireann gu math feargach a-nis leis na tha a' tachairt, agus iad a' dèanamh dheth gum bu chòir a bhith a' togail fianais mun chùis," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile