Scalpaigh gu h-oifigeil leis na daoine

  • 14 An Gearran 2014
Scalpaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thug an t-uachdaran an t-eilean don choimhearsnachd an-asgaidh.

Comharraichidh coimhearsnachd Scalpaigh gu h-oifigeil oidhche Haoine gu bheil iad iad sealbh fhaighinn air an eilean.

Thèid cuirm a chumail ann an Talla Choimhearsnachd an eilein, far am bi an t-uachdaran Fred Mac an Tàilleir an làthair.

Thèid taing a thoirt dha 'son an t-eilean a thoirt dhaibh an-asgaidh.

Thèid an t-eilean a ruith le Urras Ceann a Tuath Na Hearadh, agus tha plannaichean mòra aca 'son an àm ri teachd, nam measg, pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail, agus barrachd ghoireasan do dh'iataichean.