Dragh air Ghàidhealtachd mu bhiadh sgoile an asgaidh

  • 17 An Gearran 2014
Biadh sgoile Image copyright PA
Image caption Èirichidh an àireamh de chloinn dhan urrainn biadh sgoile fhaighinn an asgaidh bhon 1,000 a th' ann an-dràsta, gu 7,000 uile gu lèir.

Cluinnidh buill de Chomhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo nach eil gu leòr ghoireasan ann airson biadh sgoile an asgaidh a thoirt do chuid de chloinn sa bhun-sgoil.

An t-seachdain seo chaidh, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gum faigheadh clann anns a' chiad trì bliadhna den bhun-sgoil dinnearan sgoile an asgaidh bhon Fhaoilleach an ath-bhliadhna.

Ach, ann an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean na Gàidhealtachd Diciadain, thèid ceistean a thogail mu ciamar a thèid aca air amasan a' phoileasaidh a choileanadh.

Àrdachadh

Tha an àireamh de chloinn dhan urrainn biadh sgoile fhaighinn an asgaidh ag èirigh bho 1,000 gu 7,000 - a' ciallachadh 5,000 dinnear a bharrachd gach là.

Tha draghan air nochdadh cuideachd mu na 10 sgoiltean air Ghàidhealtachd, nam measg sgoiltean Eilein Eige agus Eilein Rùim, far nach eil goireasan bidhe.

Canaidh an aithisg gu bheil buidseatan agus goireasan na Comhairle mar-thà fo uallach, agus gum bu chòir beachd a bhith ann air dè a' bhuaidh a bhios aig na h-atharrachaidhean a thaobh maoineachaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile