Comhairle a' moladh àireamh nam ball a ghearradh

  • 14 An Gearran 2014
Comhairle nan Eilean Siar
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh àireamh nam ball a ghearradh gu 26 no 27 duine, sìos bho na 31 bhall a th' ann an-dràsta.

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar £2.6m a ghearradh bhon bhuidseat aca airson na h-ath-bhliadhna.

Thèid an àireamh thidsearan a ghearradh agus thèid grunn ghearraidhean eile a dhèanamh air feadh sheirbheisean na Comhairle gu lèir.

Ach mhol buidheann an SNP air a' Chomhairle faisg air £300,000 a chur air ais dhan chunntas airson tidsearan PE, Ceòl agus Ealain a chumail sna bun-sgoiltean.

Dh'iarrar cuideachd gun deigheadh stad a chur air gearraidhean ann an seirbheisean còmhdhail coimhearsnachd, agus riochdachadh bho na h-aonaidhean ciùird.

Thuirt an Comh. Iain A. MacÌomhair gun robhar a' feuchainn ri feart a thoirt air beachd a' phobaill.

Tha moladh ann cuideachd àireamh nam ball a ghearradh gu 26 no 27 duine, sìos bhon 31 bhall a th' ann an-dràsta.

A' feuchainn ri airgead a chùmhnadh, chaidh aontachadh oidhche Dhiardaoin £2.6m a ghearradh bho chunntasan na h-ath bhliadhna, ach a' bhallrachd fhàgail mòr gu leòr airson 's gun obraich a' Chomhairle gu h-èifeachdach.

Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gum feumar dèanamh cinnteach nach tèid sgìrean ro mhòr fhàgail aig gach ball.

Cus bhall

Thuirt e gun robh faireachdainn sna coimhearsnachdan o chionn beagan bhliadhnaichean gur dòcha gun robh cus bhall ann, agus gum faodadh na h-eileanan a bhith air an riochdachadh le nas lugha de bhuill.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil conaltradh a-nis a' dol air adhart le Coimisean nan Crìochan airson sgìrean taghaidh, agus a' Chomhairle a' meas gum bu chòir a bhith a' coimhead ris an sin.

"Tha cunnartan ann agus dh'fheumadh sinn coimhead gu math mionaideach ri dè bha e a' dol a chiallachadh a thaobh sgìrean taghaidh.

"Dh'fhaodadh, leis an àireamh ga toirt sìos ro fhada, gum biodh sin a' ciallachadh gum biodh cuid de na sgìrean taghaidh a bhiodh ann an eileanan eadar-dhealaichte, mar gum biodh tarsainn dà eilean, agus chan e suidheachadh math a tha sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Tha an suidheachadh sin mar-thà ri fhaicinn sna h-Eileanan Siar, le Eilean Bharraigh mar phàirt de sgìre taghaidh Uibhist a Deas.

Sgìrean taghaidh

Chan eil a' Chomhairle airson 's gun tèid an suidheachadh sin a leudachadh, le ceistean a' nochdadh mu dè cho furasta 's a bhiodh e beachdan dhaoine a riochdachadh tarsainn sgìrean taghaidh mhòra.

Clann-sgoile
Mhol buidheann an SNP air a' Chomhairle faisg air £300,000 a chur air ais dhan chunntas airson tidsearan PE, Ceòl agus Ealain a chumail sna bun-sgoiltean.

A' bruidhinn air sgìrean taghaidh mhòra, leithid na sgìre taghaidh aige fhèin, Sgìre Ùig' agus Ceann a Tuath nan Loch, thuirt Mgr Dòmhnallach: "Tha e duilich faireachdainn a bhith aig daoine tarsainn sgìre taghaidh cho mòr ri sin mu dheidhinn feumalachdan dhaoine agus na rudan a tha a' dèanamh dragh dhaibh."

Thuirt am Fear-gairm gun iarraidh a' Chomhairle, nam biodh e comasach, an àite sgìrean taghaidh trì is ceithir buill a bhith ann, dh'fhaodadh a dhol sìos gu dithis bhall.

Aig an ìre seo, chan eil a' coimhead coltach gu bheil Coimisean nan Crìochan airson cus gearradh a dhèanamh san àireamh de chomhairlichean agus, leis an sin, chan eilear a' smaoineachadh gum bi atharrachaidhean bunaiteach, no atharrachaidhean mòra sam bith, anns na sgìrean taghaidh.

"Lùigeadh sinne gum biodh an àireamh de chomhairlichean air a lùghdachadh air sgàth 's gur e sin beachd a nochd a' choimhearsnachd.

"Ach, tha beachdan eadar-dhealaichte a' tighinn a-mach a-nis ann an cuid de sgìrean far nach eil iad airson lùghdachadh a dhèanamh, agus thèid iarraidh air buill conaltradh ris na coimhearsnachdan againn fhèin," thuirt Mgr Dòmhnallach.