Poileasaidh croitearachd ga leasachadh

  • 13 An Gearran 2014
Croitearachd
Tha 17 bliadhnaichean bho chaidh am poileasaidh a leasachadh.

Coimheadaidh Comhairle nan Eilean Siar air barrachd chothroman trèanaidh a thoirt do chroitearan òga mar phàirt den ùrachadh a nì iad air a' Phoileasaidh Chroitearachd aca.

'S e seo a' chiad uair a thèid am poileasaidh a leasachadh ann an 17 bliadhna.

Tha iad cuideachad airson 's gun tèid measadh a dhèanamh air luach na croitearachd don eaconamaidh ionadail.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e uabhasach cudromach," thuirt Cathraiche Comataidh na Croitearachd, Uisdean Robasdan.

Sgilean

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' dìochuimhneachadh uaireannan an ionmhais mhòir a tha a' tighinn a-steach dha na h-Eileanan an Iar air sgàth croitearachd.

"Chì sinn an còmhnaidh iomradh air turasachd 's rudan mar sin, agus cho feumail 's a tha e dha na h-Eileanan, ach tha sinn a' call uaireannan mar gum biodh, sgeulachd croitearachd an lùib sin, agus an airgid mhòir a tha a' tighinn a-steach. Tha e sna milleanan.

"Tha mi a' smaoineachadh an dèidh an-diugh, gu bheil sinn 's dòcha a' coimhead airson beagan rannsachaidh a dhèanamh air dè an t-airgead a tha a' tighinn a-steach do chroitearachd anns na h-Eileanan 's na feumalachdan a tha e a' dèanamh dha na sgìrean uile.

"'S e aon rud a thog duine no dithis, 's e trèanadh a thaobh croitearachd, 's tha fhios agam an Uibhist, mar aon eisimpleir, gu bheil tòrr de na croitearan a' fàs caran aosta, mar mi fhèin, agus chan eil feadhainn òga a' tighinn às an dèidh.

"Tha na sgilean 's dòcha a bha ann uaireigin a' dol o amharc a-mach 's gan call.

"Bhathar airson coimhead air ciamar as urrainn dhuinn trèanadh a thoirt air adhart.

"Chan e a-mhàin an rud a tha a' dol air adhart sna sgoiltean, ach a leudachadh a-mach don fheadhainn a tha a' fàgail na sgoile, agus feadhainn a th' airson beagan ionnsachadh a thaobh croitearachd fhèin.

"Cha chreid mi gu bheil croitearan òga cho eòlach 's a b' urrainn air na sgeamaichean a tha ann airson croitearachd.

"Ach tha mi a' smaoineachadh leis na cùrsaichean a tha air a bhith a' tachairt, gu h-àraid le Sgoil Lionacleit, gu bheil tuigse a' tighinn a-steach.

"Ann an àiteachan, tha airgead ri dhèanamh ann an croitearachd. Gu h-àraid ma tha grunn chroitean agad, chan eil teagamh nach gabh airgead dèanamh às, agus 's e beatha glè mhath a th' ann do dhuine sam bith.

"Bhiomaid an dòchas gum b' urrainn dhuinn daoine òga a thàladh a-steach, agus tha sinn gu math feumach air do thòrr de na sgìrean," thuirt e.