Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Osborne

Dhearbh an Seansalair, Seòras Osborne, gun seas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an aghaidh aonadh-airgid le Alba, ma thèid i na dùthaich neo-eisimeileach. Bha Mgr Osborne a' bruidhinn ann an Dùn Èideann, agus e ag ràdh ma choisicheas Alba air falbh bhon Rìoghachd Aonaichte, gun coisich iad air falbh bhon not. Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gun robh esan a' dol le beachd Mhgr Osborne, agus nach b' urrainn dha aonta-airgid a mholadh do mhuinntir na dùthcha. Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach robh an sin ach beachdan àrd-riochdairean phoilitigeach Westminster.

Sìde

Tha mu 80,000 dachaigh air feadh Shasainn 's a' Chuimrigh às aonais cumhachd an dealain fhathast, an dèidh mar a bhuail stoirm mu dheas tron oidhche. Tha obair a' dol gus solas an dealain a thilleadh thuca, agus dùil ris an tuilleadh droch-shìde a-màireach. Bhàsaich aon duine ann an Wiltshire, an uair a bha e a' feuchainn ri craobh a ghluasad, a bha air tuiteam air muin loidhnichean dealain.

Cùirt

The dùil gun nochd boireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis an-diugh, an co-cheangal ri bàs fireannaich ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Chaidh corp an duine, a bha 64 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ann an taigh ann am Breacais air an deireadh-sheachdain. Tha am boireannach a tha a' nochdadh anns a' chùirt an-diugh 59 agus 's e èisteachd phrìobhaideach a bhios ann, 's chan eil na poilis air innse de an casaid a tha na h-aghaidh.

Lloyds

Tha buidheann bancaidh Lloyds air prothaidean ro-chìsean de £415m fhoillseachadh 'son a' bhliadhna 2013. Tha iad cuideachd air innse gu bheil iad am beachd àrdachadh de 10% a thoirt air na bònusan a tha iad a' pàigheadh dhan luchd-obrach aca. Thèid faisg air £400m de bhònusan a phàigheadh leotha am-bliadhna.

Fear a dhìth

Tha na poilis a' fàs amharasach mu fhear a tha a dhìth à sgìre Loch Àrdail ann an Inbhir Nis. Cha deach Jamie Burgess, 28, fhaicinn bho mhadainn Dhimàirt, nuair a bha e a' coiseachd ann an sgìre a' Bhught de dh'Inbhir Nis. Bha e coiseachd anns an sgìre le cù, a chaidh a' lorg faisg air làimh. Tha Mgr Burgess 5'6", le falt dubh. Dh'iarr na poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn a dhol thuca.