Boireannach fo chasaid mhuirt

  • 13 An Gearran 2014
Breacais
Image caption Chaidh corp Thormoid Bruce a lorg ann an taigh ann am Breacais feasgar na Sàbaid.

Chaidh casaid mhuirt a chur gu foirmeil air boireannach, aois 59, an dèidh bàs fireannaich ann am Breacais san Eilean Sgitheanach.

Nochd Sandra Elizabeth Bruce (a tha cuideachd air a h-aithneachadh mar NicAnndrais) ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Diardaoin.

Cha do rinn i tagradh sam bith, 's chaidh a cumail an grèim.

Chaidh corp an duine, a bha 64, agus a chaidh ainmeachadh gu h-ionadail mar Tormod Bruce, fhaighinn ann an taigh ann am Breacais feasgar na Sàbaid, nuair a chaidh Poilis a ghairm chun an taighe.

Chan eil fhios fhathast cuin a nochdas i sa chùirt a-rithist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile