Riaghaltas gan càineadh mu thaic croitearachd

  • 12 An Gearran 2014
Croit
Image caption 'S e CCAGS an aon sgeama a th' ann gu sònraichte do chroitearachd.

Tha Caidreachas na Croitearachd a' càineadh Riaghaltas na h-Alba airson atharraichidhean a mholadh air taic-airgid CCAGS (Crofting Counties Agricultural Grants Scheme), a bhiodh a' fàgail gum biodh mòran chroitearan nach fhaigheadh an taic-airgid tuilleadh.

Thèid an t-airgead fhosgladh do thuathanasan beaga, agus feumaidh na pìosan fearainn a gheibh airgead a bhith eadar trì hectare agus leth-cheud hectare.

"Tha an SRDP a-nis anns an dàrna cuairt den cho-chomhairleachadh - tha sin a' ciallachadh gur iad seo na molaidhean deireannach," thuirt fear de stiùirichean an SCF, Iain Keith.

"Anns na molaidhean, tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh gun tèid CCAGS a sgaoileadh do thuathanasan beaga air feadh na h-Alba. 'S e masladh a th' ann!

"Thèid an stòras a shluigeadh sa bhad le luchd-cumail each air taobh sear na h-Alba."

Tha cuid mhòr de chroitean ann am mòran sgìrean nas lugha na trì hectare, agus mar sin, cha bhiodh iad airidh air taic-airgid fon sgeama.

"Feumaidh croitearan tighinn còmhla agus seasamh aig an ionnsaigh ladarna seo air ar bith beò," thuirt Mgr Keith.

"Dè tha am beachd an Riaghaltais?

"Air aon làimh, tha iad a' cumail a-mach, nam faclan fhèin, 'thug Riaghaltas na h-Alba aire do na buanachdan luachmhor a tha an cois taic do shiostaman croitearachd ann an sgìrean iomallach an Alba. Chaidh aire a thoirt gu sònraichte air mar a bhios croitearachd a' glèidheadh àiteachais sheasmhaich a tha a' cruthachadh biadh a tha sàbhailte agus fallain, a' glèidheadh àrainneachdan, fiadh-bheatha agus dualchas cultarail'.

"Agus air an làimh eile, tha iad gus an aon taic-airgid a th' againn dhuinn fhèin, fosgladh suas do thuathanasan beaga nach eil ann an sgìrean iomallach is dùthchail, nach eil ri croitearachd, agus nach bi a' toirt dad coltach ris na buannachdan a tha croitearan a' toirt seachad gu maith na dùthcha."