Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aonadh-airgid

Tha Riaghaltas na h-Alba a' fàgail air an Riaghaltas ann an Westminster gu bheil iad ri burraidheachd agus e coltach gun can an Seansalair, Seòras Osborne, nach bi aonadh-airgid ann le Alba neo-eisimeileach. Thuirt Rùnaire Ionmhas na h-Alba, Iain Swinney, gum biodh e gun chiall stad a chur air aonadh-airgid.

Mark Carney

Thuirt Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, gu bheil cothrom ann fhathast air an riadh a chumail aig leth de dh'aon sa cheud, ged a tha àireamh a' chion-cosnaidh nas fheàrr na bha dùil. Thuirt Mgr Carney nach eil an eaconamaidh fhathast seasmhach agus nach gabh ìre na rèidh a chur suas gus am bi an eaconamaidh gu math nas làidire na tha i an-dràsta.

Tuiltean

Bha am Prìomh Mhinistear os cionn coinneamh na comataidh èiginn COBRA sa mhadainn an-diugh agus iad a' deasbad na tuiltean ann an ceann a deas Shasainn. Tha dùil ri tuilleadh uisge trom sna sgìrean sin eadar seo agus deireadh na seachdain. Chaidh innse do Dhaibhidh Camshron gu bheil mìltean de bhuill nam Feachdan Armaichte deiseil airson a dhol dha na sgìrean as miosa.

Siria

Tha oifigearan na buidhne a tha a' strì ri ceannairc aig taigh ann an Crawley ann an Sussex an-dràsta, 's iad a' rannsachadh bomair fèin-mharbhtach, agus coltas ann gum buin e do Bhreatainn, a rinn ionnsaigh ann an Siria an t-seachdain seo chaidh. Agus tha aithrisean ann an Siria gu bheil cobhair a-nis a' faighinn gu baile Homs, a tha fo shiest, agus gu bheil busaichean a' feitheamh ri daoine a thoirt a-mach às a' bhaile.

Energy North

Thuirt ceannard na buidhne Energy North gun cùm iad cuideam air Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson càball-dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr. Tha e coltach gu bheil dragh mun chosgais de £800m a' cur maill air a' phròiseact. Ach thuirt ceannard Energy North, Iain Cooper, gu bheil esan gu math cinnteach gun tèid am pròiseact air adhart.

Boireannach an grèim

Tha poilis a' ceasnachadh boireannach mu bhàs anns an Eilean Sgitheanach air an deireadh sheachdain. Chaidh corp fireannaich, a bha 64, fhaighinn ann an taigh ann am Breacais, beagan deas air an Ath Leathann, feasgar na Sabaid. Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil boireannach, a tha 59, an grèim aca.