Boireannach an grèim co-cheangailte ri bàs fireannaich

  • 12 An Gearran 2014

Nochdaidh boireannach sa chùirt Diardaoin co-cheangailte ri bàs fireannaich anns an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain.

Chaidh corp an fhireannaich, a bha 64, agus a chaidh ainmeachadh gu h-ionadail mar Tormod Bruce, a lorg ann an taigh ann am Breacais feasgar na Sàbaid.

Fhuairear lorg air an duine an dèidh do dh'oifigearan poilis fios fhaighinn mu bhàs obann aig dachaigh sa bhaile.

Thuirt fear-labhairt bho Phoilis na h-Alba gun deach boireannach, aois 59, a chur an grèim, agus gun nochd i sa chùirt ann an Inbhir Nis Diardaoin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile