Taic do chòisirean òigridh

  • 11 An Gearran 2014
Còisir Òg Ìle
Image caption Bithear a' tabhann taic phractaigich do chòisirean ùra, leithid bhùithdean-obrach, no fiù 's taic le bhith a' lorg òran no co-sheirm ùra.

Tha an Comunn Gàidhealach air sgeama ùr a stèidheachadh ri linn crìonadh san àireamh de chòisirean òigridh a tha a' farpais aig a' Mhòd.

Thathas an dùil bùthan-obrach agus taic a thabhann do chòisirean ùra.

Thuirt Seumas Greumach bhon Chomunn gu bheilear am beachd sgeama ùr a chur air bhog do chòisirean òigridh Gàidhlig ann an oidhirp barrachd dhiubh a stèidheachadh.

"Tha fhios nach eil e furasta, no dha-rìribh comasach do sgoiltean agus coimhearsnachdan còisirean a stèidheachadh, mur a bheil goireasan aca.

"Mar sin dheth, tron sgeama seo, tha sinn airson taic a chumail riutha ann a bhith a' dèanamh sin," thuirt Mgr Greumach.

Thèid an sgeama a ruith ann an co-bhanntachd le Comunn nan Còisirean Gàidhlig.

Taic Phractaigeach

Bithear a' tabhann taic phractaigich do chòisirean ùra, leithid bhùithdean-obrach, no fiù 's taic le bhith a' lorg òran no co-sheirm ùra.

"Tha sinn a' faicinn crìonadh ann an farpaisean do chòisirean aig aois nas sine, 's dòchas eadar aois 13-18.

"Cha robh ach aon chòisir againn an-uiridh, aig Mòd Phàislig, a bha a' feuchainn air farpais co-sheirm airson luchd-ionnsachaidh," dh'innis Mgr Greumach.

Mar sin, tha a' bhuidheann airson oidhirp a dhèanamh air na h-àireamhan àrdachadh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama bho Sheumas Greumach - Àireamh-fòn: 01463 709 705 no post-dealain: james@ancomunn.co.uk, no air làrach-lìn a' Chomuinn Ghàidhealaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile