Faraidhean tacsaidh ag èirigh

  • 11 An Gearran 2014
Tacsaidh
Dheadh an t-àrdachadh a chur an gnìomh sa Chèitean.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachdan on t-sluagh air planaichean 30sg a chur ri faraidhean tacsaidh, ge b' e dè cho goirid neo fada 's a tha an turas.

Tha gu ruige 1mh an Giblean aig daoine am beachdan a chur chun na Comhairle.

Tha mar a tha prìs a' chonnaidh, agus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail carbaid ann an òrdugh air a dhol suas ga dhèanamh nas daoire tacsaidhean a ruith.

Cuideachd, thathas airson a' phrìs a bheirear air tursan a-mach gus luchd-siubhail a thogail - ma tha sin nas fhaide na trì mìle - a chur suas bho £6.50 gu £7.50 aig a' char as àirde.

Dheigheadh seo a chur an gnìomh bhon 26mh là den Chèitean a-mach.