Tuathanaich "na b' fheàrr dheth" neo-eisimeileach

  • 11 An Gearran 2014
Buain
Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach a' cumail co-labhairt ann an Cille Rìmhinn.

Gheibheadh tuathanaich na h-Alba buannachdan nas fheàrr on Aonadh Eòrpach (AE) nam biodh Alba neo-eisimeileach, a rèir Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead.

Thuirt Mgr Lochhead gu bheil tuathanaich Albannach a' faighinn nan subsadaidhean "suime dìreach" as ìsle ann an dùthaich sam bith san AE.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte (RA) a' cumail a-mach gun caill Alba barrachd na bhuainicheas i bhon AE ma bhòtas an sluagh airson neo-eisimeileachd san referendum a thèid a chumail air 18mh an t-Sultain am-bliadhna.

Ann an òraid a thug e seachad do cho-labhairt bhliadhnail Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach an Alba, thuirt Mgr Lochhead gun caill tuathanaich na h-Alba €1bn bho Phoileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP) thar nan seachd bliadhnaichean a tha romhainn ma dh'fhanas an dùthaich am broinn na RA.

Leasachadh Dùthchail

Chuir e air adhart an argamaid gun togadh neo-eisimeileachd Alba far "bhonn nan clàran maoineachaidh, gu bhith a' suidhe aig a' bhòrd àrd" aig an ath-chuairt de chòmhraidhean mun CAP.

Air thoiseach air an òraid aige, ann an Cille Rìmhinn, thuirt Mgr Lochhead: "Seach a bhith a' leigeil le ministearan na RA aonta a ruighinn a thaobh an CAP às leth na h-Alba - ministearan a tha ag iarraidh gun tig na suimean dìreach seo gu crìch - bidh cead aig Alba aonta a ruighinn dhi fhèin aig na còmhraidhean cudromach a bheir buaidh air àiteachas, agus eaconamaidh na h-Alba san fharsaingeachd.

"Seach nach eil Alba neo-eisimeileach fhathast, caillidh ar tuathanaich billean Euro ann an suimean dìreach, agus na ceudan mhilleanan Euro de mhaoineachadh leasachaidh dhùthchail.

"A thuilleadh air sin, chaidh suimean a thàinig dhan RA gu sònraichte ri linn aonta heactaire na h-Alba a bhith nas ìsle, a thoirt air falbh bho thuathanaich na h-Alba, a dh'aindeoin coiteachaidh làidir thar-phàrtaidh, le taic bhon ghnìomhachas, airson 's gum fuirich an t-airgead seo an Alba," thuirt e.

A' toirt seachad òraid don cho-labhairt Diluain às leth Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, gun cuireadh neo-eisimeileachd suidheachadh na h-Alba anns an AE - agus na suimean a gheibheadh i tron CAP - fo cheist.

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gum faigheadh Alba sa bhad cothrom air meall-airgid bhon CAP," thuirt e.

"'S e dànachd a tha seo, a tha a' diùltadh gabhail ris an da-rìribh phoileataigeach.

Ais-ìocadh

"Cuiribh a' cheist seo romhaibh: carson a ghabhadh stàitean eile a b' fheudar subsadaidhean CAP a chur an sàs gu mall thar deich bliadhna, ri Alba neo-eisimeileach a bhith a' faighinn làn-suime sa bhad?

Thuirt Mgr Lochhead gun caill tuathanaich na h-Alba €1bn bho Phoileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP) ma dh'fhanas an dùthaich am broinn na RA.

"Cha e sin a-mhàin, ach, a rèir Riaghaltas na h-Alba, cuideachd a bhith a' fosgladh aonta an CAP a-rithist 's ag aontachadh barrachd airgid a thoirt do thuathanaich Albannach.

"Bhiodh sin a' ciallachadh gum feumadh ball-stàitean ùra leithid Croàitia gabhail ri aonta nach deach a thabhainn orrasan, no air an cuid thuathanach."

Ghabh Riaghaltas na RA ris gur dòcha gun robh Alba, ann an suidheachadh gu math fàbharach, air earrainn nas motha den t-subsadaidh fhaighinn nan robh i air a bhith neo-eisimeileach.

Ach tha iad a' dèanamh dheth gun robh an call a thigeadh air Alba ri linn 's nach biodh ais-ìocadh (rebate) Bhreatainn aice tuilleadh air na dh'fheumadh i cur ri buidseat an AE na bu mhotha na na gheibheadh iad de shubsadaidh a bharrachd fo neo-eisimeileachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' creidsinn gun gabhadh pàirt den ais-ìocadh sin glèidheadh nuair a ghabhadh i ballrachd san AE.

Anns an referendum, thèid a' cheist a leanas a chur air bhòtairean na h-Alba: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"