Plana gus stèistean hydro a' Chruachain a leudachadh

  • 11 An Gearran 2014
Stèisean hydro a' Chruachain
Nì Scottish Power sgrùdadh mus tig iad gu co-dhùnadh an tèid iad air adhart leis a' phròiseict.

Dh'fhaodadh gun tèid obair stèisean cumhachd hydro a' Chruachain an Earra-Ghàidheal a leudachadh gu mòr - còrr air a' dhà uimhir - fo phlanaichean Scottish Power.

Chosgadh an obair-leasachaidh na ceudan mhilleanan notaichean, agus bheireadh an obair eadar ochd agus deich bliadhna.

Nì Scottish Power sgrùdadh, a mhaireas dà bhliadhna, mus tig iad gu co-dhùnadh an tèid iad air adhart leis a' phròiseict.

Dh'fhosgail stèisean cumhachd hydro a' Chruachain, faisg air an Òban, ann an 1967.

Tha e a' cruthachadh 440MW de dhealan.

Nuair a tha tuilleadh 's a chòrr dealain ann, tha uisge air a phumpadh à Loch Obha gu tasgadh-uisge air taobh na beinne.

An uair sin, nuair a tha feum air, thathas a' leigeil an uisge air falbh, agus a' cruthachadh dealain le bhith a' tionndadh nan crann san stèisean cumhachd gu h-ìosal.

Leudachadh

Sheall sgrùdadh a rinn Scottish Power gur dòcha gun gabhadh leudachadh agus leasachadh a dhèanamh air an stèisean agus an loch.

An dèidh an leudachaidh, dh'fhaodadh gun cruthaicheadh an stèisean cumhachd 1040MW de dhealan.

Ach, le cuideam a' tighinn air siostam an dealain fad na h-ùine, tha e cudromach gum bi co-ionannachd ann, le barrachd den dealan a' tighinn bho thuathan-gaoithe.