Mì-thoileachas mu chidhe Bhàgh Bhatarsaigh

  • 11 An Gearran 2014
Cabhsair Bhatarsaigh
B' e deireadh an Dàmhair ceann-là crìochnachaidh an obair-leasachaidh, ach chaidh sin a chur air ais gu deireadh na Dùbhlachd.

Dh'èirich eas-aonta mu leasachadh a tha ga dhèanamh air cidhe Bhàgh Bhatarsaigh.

Tha mì-thoileachas am measg iasgairean an eilein agus iad ag ràdh nach eil an leasachadh a tha ga dhèanamh air a' chidhe freagarrach dhaibh-san.

Tha dragh orra cuideachd gu bheil dàil air an obair, a tha a' cosg £140,000.

B' e deireadh an Dàmhair ceann-là crìochnachaidh an obair-leasachaidh, ach chaidh sin a chur air ais gu deireadh na Dùbhlachd.

Briseadh-dùil

Tha mu chairteal den obair fhathast ri dhèanamh agus tha an dàil sin na bhriseadh-dùil do na h-iasgairean.

Chaidh an rathad gu cidhe Bhatarsaigh ath-shuidheachadh agus tha balla air a chur na thacsa, le balla eile air taobh sear a' chidhe airson dìon bhon fhairge.

Ach, o chionn ghoirid, ràinig làn àrd suas gu fada seachad air a' bhalla agus tha sin na dhragh don t-iasgair Eòin MacNèill.

"Chan eil e gu mòran feum nuair a tha an làn a' tighinn seachad air nuair a tha reothairt ann.

"Cha deach a dhèanamh mar a bha còir aige a bhith air a dhèanamh agus chan eil e gu mòran feum dhuinne," thuirt Mgr MacNèill.

Gearain

Tha concrait fhathast ri chur air uachdar a' bhalla agus tha àite tionndaidh airson innealan fhathast ri dhèanamh.

Tha na h-iasgairean air gearainean a dhèanamh ri Comhairliche an eilein, Dòmhnall Manford.

"Tha e riatanach, ge bith gu dè bhios air a chrìochnachadh, gu bheil e fut airson an obair a thig roimhe.

"Tha e follaiseach an-dràsta, nam bheachd-sa, gum bu chòir barrachd àirde a chur ris, gu h-àraidh mar a tha an làn a' tighinn os a chionn," thuirt Mgr Manford.

Tha mì-thoileachas am measg iasgairean Bhatarsaigh is iad ag ràdh nach eil leasachadh a tha ga dhèanamh air a' chidhe freagarrach dhaibh.

Àirde

Bheachdaich Mgr Manford cuideachd gur dòcha gum feumar tuilleadh obair a dhèanamh air a' chidhe gus a dhèanamh nas neartaile na tha e.

Thuirt manaidsear na pròiseict, Tony Robson, nach robh e riamh san amhairc àirde a chur anns a' chidhe fhèin.

Thuirt e gur dòcha gum biodh barrachd obair leasachaidh air a dhealbhachadh, agus an lùib sin gum biodh balla cloiche sàbhailteachd.

Thuirt e cuideachd gum bi e a' coimhead air an obair aig deireadh a' Ghearain, agus a' tachairt ris na buidhnean a tha a' buntainn ris airson slighe air adhart aontachadh.