£1.2m airson seann sgoil Bhorrodail a leasachadh

  • 10 An Gearran 2014
Seann sgoil Ghleann Dail
Image caption Tha planaichean ann airson òstail agus taigh-bìdhe a dhèanamh de thogalach na sgoile.

Sheall sgrùdadh eaconamach gun cosgadh e £1.2m seann sgoil Bhorrodail anns an Eilean Sgitheanach a cheannach agus a leasachadh.

Dh'aontaich a' choimhearsnachd an-uiridh gun robh iad airson an sgoil, a dhùin ann an 2007, a ghabhail thairis iad fhèin.

Tha planaichean ann airson a leasachadh mar thaigh-bìdhe agus òstail spaideil, a ghabhadh 16 duine.

Bhiodh taisbeanadh dualchais cuideachd ga stèidheachadh mar phàirt den phròiseact.

Tha dùil gur ann bho leithid Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Stòras an Fhearainn a thigeadh cnap math den mhaoineachadh a bhiodh a dhìth.

Connspaid

Tha tè a tha i fhèin a' ruith àite-bidhe anns a' ghleann a cheasnachadh a bheil e ceart ge-tà, airgead poblach a chosg air pròiseact coimearsalta a bhiodh a' farpais ri gnìomhachasan eile.

Tha Fay NicThòmais ag ràdh gur ann a chuireadh na planaichean gnìomhachasan eile, agus na h-obraichean a tha ceangailte riutha, ann an cunnart.

Tha Urras Leasachaidh Ghleann Dail a' dìon a' phròiseict ge-tà - 's e air a mheas gun cuireadh e £230,000 ris an eaconamaidh ionadail gach bliadhna.

Thuirt oifigear leasachaidh na sgìre, Elgar Finlay, gur ann a bhiodh an goireas ùr gu buannachd ghnìomhachasan eile, agus gu maith na coimhearsnachd.

Dh'fhaodadh cuideachd cnapan-starra laghail a bhith mu choinneimh a' phròiseict, 's croitearan Oighreachd Ghleann Dail ag ràdh gur ann leotha-san a tha am fearann 's mar sin nach eil còir aig Comhairle na Gàidhealtachd a reic.