Toileachas ga dhèanamh ri reic nan gèadh

  • 12 An Gearran 2014
Geòidh Ghlasa
Tha na mìltean de gheòidh a' dèanamh call air àiteachas ann an Uibhist.

Tha croitearan ann an Uibhist am measg na tha a' dèanamh toileachais ris an naidheachd gun tèid feòil nan gèadh glasa, a thèid a mharbhadh ann an sgeama spadaidh, a reic airson ithe.

Chaidh an aon seòrsa sgeama a cheadachadh ann an Arcaibh mar-thà, far a bheil feòil nan gèadh glasa air a bhith ga reic bhon Lùnastal an-uiridh.

Tha iomairt air a bhith a' dol ann an Uibhist fad iomadach bliadhna an aghaidh nan gèadh glasa, 's na h-eòin a' dèanamh call air obair àiteachais.

Bha e ceadaichte, fo sgeama pìleat, na geòidh ithe, ach thuige seo cha ghabhadh an reic.

Seasmachd

Tha dùil gun dèan a bhith a' reic nan gèadh an sgeama spadaidh nas seasmhaiche.

Thuirt Ena NicDhòmhnaill, a bha gu mòr an lùib na strì airson smachd fhaighinn air geòidh Uibhist, gu bheil i an dòchas gum bi fèill mhòr air an fheòil.

"Tha mi an dòchas gum bi gu leòr de dhaoine gan iarraidh agus gan ceannach - tha iad gu math blasta agus ma chuidicheas e ri barrachd dhaoine a bhith a' sealg agus a' marbhadh nan gèadh, chan eil an còrr a dhìth orm-sa", thuirt i.

Chan eil dùil ge-tà, gum bi a' phrìs a gheibhear air feòil nan gèadh glasa faisg uiread cho àrd ris na gheibhear air geòidh a chaidh àrach a dh'aona-ghnothaich airson ithe.

Thuirt Ailean MacIlleathain, aig a bheil bùth bhùidseir ann am Beinn nam Fadhla, nach eil na geòidh fhiadhaich faisg cho mòr 's nach bi an fheòil aca cho pronn.