Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Camshron

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gur e gealtaire a th' ann an Daibhidh Camshron leis gur ann an Lunnainn a tha am Prìomhaire a' toirt seachad òraid an-dràsta fhèin air neo-eisimeileachd na h-Alba. Tha am Prìomhaire na òraid, aig Pàirce Oilimpig Lunnainn, ag iarraidh air daoine anns a h-uile ceàrnaidh den Rìoghachd Aonaichte, iad feuchainn ri buaidh a thoirt air sluagh na h-Alba gus bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd. Thuirt Nicola Sturgeon cuideachd gur e mearachd a th' ann dhan Phrìomhaire a bhith a' cleachdadh spòrs air adhbharan poilitigeach.

Tuiltean

Tha ceannard Bhuidheann na h-Àrainneachd, am Morair Mac a' Ghobhainn, a' tadhal an-diugh air na sgìrean as miosa a tha fo thuiltean air na còmhnardan ann an Somerset. Bha tuilleadh uisge an iar-dheas Shasainn a-raoir, agus tha dùil ri droch aimsir a-rithist le uisge trom agus gèile a-màireach. Dh'iarr poilis air a h-uile duine a tha a' fuireach ann an aon bhaile beag, Moorland, na dachannan fhàgail.

Fiachan

Thuirt Riaghladair neo-eisimeileach an Taigheadais ann an Alba gun do dh'fhàg 'cìs nan seòmraichean-leapa' fiachan de £5m nam màl air daoine a tha a' fuireach ann an taighean comhairle agus comainn thaigheadais. Tha na figearan ùr ag ràdh gu bheil na fiachan sin as fhìor fhàs nas motha.

Siria

Thàinig an riaghaltas ann an Siria agus na reubaltaich gu aonta a leigeas le boireannaich, clann agus seann daoine baile Homs, a tha fo shèist, fhàgail gu sàbhailte an-diugh. Gheibh carbadan le cobhair slighe shàbhailte a-staigh dhan bhaile a-màireach.

Aonta

Chan eil sgeul air aonta eadar Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus a' Chomhairle mu bhith a roinn sheirbheisean eadar iad, agus gun ach beagan is bliadhna gun cheann-là a chur Riaghaltas na h-Alba mun coinneimh. Tha dragh ann a-nis gum faodadh an Riaghaltas plana a sparradh orra.

Sochi

Ged a thòisich feadhainn de na farpaisean mar-thà, 's ann an-diugh a dh'fhosglas Geamaichean Oilimpig a' Gheamhraidh gu h-oifigeil ann an Sochi san Ruis. Bidh 3000 duine a' farpais fad na cola-deug seo tighinn. 'S iad seo na Geamaichean Geamhraidh as cosgaile riamh agus na Ruiseanaich air còrr is £30bn a chur ris an ullachaidh. Tha dragh ann fhathast ge-tà, mu thèarainteachd agus cunnart bho cheannairc.