Fear a' bàsachadh le flù nam muc

  • 7 An Gearran 2014
Flù nam muc
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil dìon nàdarra aig mòran den t-sluagh às dèidh dhan ghalar sgapadh air feadh an t-saoghail ann an 2009/2010.

Tha NHS na Gàidhealtachd air dearbhadh gur e flù nam muc a thug bàs do dh'fhireannach às an Eilean Sgitheanach.

Chaochail Cailean Caimbeul, a bhuineadh do Dhùn Bheagain, aig Ospadal Bhictoria ann an Glaschu Diluain.

Thuirt oifigich slàinte ge-tà, nach bu chòir dragh a bhith air daoine agus nach robh dearbhadh ann gun robh an galar a' sgapadh sa choimhearsnachd.

Thuirt iad gur e am bhìoras H1N1, neo flù nam muc mar a chanar ris, tè de na gnèithean flù as cumanta a bhios a' sgaoileadh a h-uile geamhradh.

Tha am bhìoras sa bhanachdach flù a fhuair mòran am bliadhna.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil dìon nàdarra aig mòran den t-sluagh às dèidh dhan ghalar sgapadh air feadh an t-saoghail ann an 2009/2010.