Ospadal ga thogail am Barraigh "an ceann bliadhna"

  • 7 An Gearran 2014
Bàgh a' Chaisteil
Image caption Thèid an t-ospadal ùr an àite Ospadal an Naoimh Bhrianain.

Dh'fhaodadh an obair tòiseachadh air ospadal is goireas cùraim ùr do sheann daoine ann am Barraigh an ceann bliadhna.

Sin ma thig gach sgrùdadh agus plana deasachaidh air adhart a rèir a' chlàr-àma.

Aig an aon àm, tha grunn cheistean fhathast rim freagairt mu dè dìreach an t-seirbheis slàinte is cùraim a bhios ri faighinn san eilean.

"'S e an amas pearsanta a th' agam fhèin a thaobh seo, 's e seo a thoirt gu buil cho luath 's a ghabhas," thuirt Àrd-stiùiriche Bhòrd na Slàinte, Gòrdan Jamieson.

Coinneamh poblach

"Mar sin, bidh mise a' sìor-phutadh nan crìochan gus rudan fhaighinn deiseil cho luath 's a ghabhas.

"Le soirbheas, agus le sgrùdadh làraich, agus an t-argamaid ghnothachais air a dhèanamh ann an àm, bidh mise a' sìor-phutadh gum bi sinn a' togail taobh a-staigh bliadhna," thuirt e.

Nochd mu 80 duine aig coinneimh phoblaich mun phròiseact a chùm Bòrd Slàinte nan Eilean Siar agus a' Chomhairle ann am Bàgh a' Chaisteil oidhche Ardaoin.

Chaidh ceistean a thogail mun làraich a tha san amharc, dè na seirbheisean a bhios rim faighinn, agus co mheud leabaidh a bhios ann.

Gu ìre mhòir, tha na ceistean sin fhathast rim freagairt.

'S e ceistean mun ghoireas cùraim do sheann daoine a bu mhotha a nochd ge-tà.

"An dragh a th' ann an seo, 's e gu bheil a' Chomhairle cheana air an inntinn a dhèanamh suas dè ghabhas dèanamh, agus gu dè mar a bheir iad seachad e," thuirt an Comh. Dòmhnall Manford.

Dragh mòr

"Tha sin na dhragh. Tha e na dhragh mòr. Tha coimhearsnachd den t-seòrsa seo, coimhearsnachd bheag, gu h-àraid eilean, tha sinn air faicinn tro na bliadhnaichean gu bheil na daoine againn a' falbh on eilean agus a' bàsachadh air falbh bho an dachaigh, agus air falbh bho an cuideachd.

"Agus tha an t-eagal oirnn gun tòisich sin a' tachairt a-rithist," thuirt e.

Tha còrr is seachd bliadhna ann bho chaidh litir gu Ministear na Slàinte ann an Riaghaltas na h-Alba, a' mìneachadh nach robh an t-ospadal freagarrach mar ghoireas slàinte.

Ach thathas den bheachd gur e an goireas a bhios ann aig deireadh a' phròiseas as cudromaiche, seach an ùine a bheir e fhaighinn.

Tha dùil a-nis gum bi an tuilleadh choinneamhan ann leis a' phoball agus luchd-obrach slàinte agus cùraim.