Draghan mu sheirbheisean slàinte

  • 7 An Gearran 2014
Uidheam dhotair Image copyright SPL
Image caption Ged a tha sgìrean eile sna h-eileanan far nach eil dotair stèidhichte tron oidhche, b' fheàrr le muinntir na Hearadh gum biodh cuideigin stèidhichte san àite.

Tha draghan air nochdadh ann an Ceann a Tuath na Hearadh mu na tha an dàn do sheirbheisean slàinte na sgìre.

Tha fear de na dotairean bho Ionad Meidigeach a' Chinn a Tuath a' fàgail 'son dreuchd ùr aig Bord Slàinte nan Eilean Siar, agus tha eagal gun tèid an t-seirbheis a lùghdachadh mura faigh iad dotair na àite.

Thèid coinneamh a chumail air an Tairbeart gus bruidhinn mu mar a dh'obraicheas cùram slàinte taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.

Thuirt tè den luchd-cleachdaidh, Morag Rothach, gum bi e duilich do dhithis, seach triùir, an t-seirbheis ris a bheilear cleachdte a thoirt seachad.

Thuirt i gu bheilear am beachd dòighean-obrach ùra a chur air chois, agus gur ann air sgàth 's sin a tha a' choinneamh a' tachairt.

Coinneamh

Innsidh Bòrd na Slàinte aig a' choinneimh dè seòrsa ullachaidhean a tha iad a' dol a dhèanamh airson seirbheis taobh a-muigh uairean obrach agus aig an deireadh sheachdain.

Ach, chan eil muinntir na sgìre airson 's gun atharraich cùisean.

"Dh'iarramaid gum biodh an t-seirbheis dìreach mar a tha i an-dràsta, gum biodh dotair stèidhichte anns an àite a b' urrainn a dhol a-mach gu euslaintich nam biodh èiginn ann.

"Tha cuimhn' agam nuair a bha sinn a' bruidhinn air NHS24 an toiseach, sin an t-iarrtas a bu mhotha a bh' anns a' choimhearsnachd," thuirt a' Bh. Rothach.

Ged a tha sgìrean eile sna h-eileanan far nach eil dotair stèidhichte tron oidhche, b' fheàrr le muinntir na Hearadh gum biodh cuideigin stèidhichte san àite.

Iomallach

"Tha àiteachan iomallach eile san aon shuidheachadh agus fada air falbh bho Steòrnabhagh, ach tha na Hearadh nas fhaide air falbh buileach," thuirt a' Bh. Rothach.

Dh'fhaodadh gum bi e na dhuilgheadas dotairean fhaighinn a bhiodh deònach an obair seo a dhèanamh - ag obair tron oidhche agus aig an deireadh sheachdain.

"Tha a' chuid mhòr an-diugh ag iarraidh gum bi iad ag obair fad uairean an là, agus chan eil tòrr deònach air a bhith ag obair tron oidhche," thuirt a' Bh. Rothach.

Mura faighear daoine a tha deònach, tha e coltach gun tèid seirbheis a chur an sàs mar a th' ann an Leòdhas an-dràsta.

Ge bith dè na h-atharrachaidhean a bhios ann, thèid an tòiseachadh mu dheireadh a' Mhàirt.

Bidh a' choinneamh a' tachairt anns an Ionad Choimhearsnachd air an Tairbeart air oidhche Haoine aig 7:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile