Ceist mu shàbhailteachd aig Sgoil Lacasdail

Rathad faisg air Sgoil Lacasdail Chaidh a ràdh gum feum clann cho òg ri còig bliadhna coiseachd fad trì chairteal na h-uarach air rathaidean air nach eil cabhsair.

Tha Comhairle nan Eilean Siar deònach tuilleadh conaltraidh a bhith aca air a' cheist mu shàbhailteachd a chaidh a thogail aig Bun-sgoil Lacasdail ann an Leòdhas.

Tha an Comhairliche Ruairidh Moireach ag ràdh gu bheil a' Chomhairle a' dèanamh dìmeas air sgoilearan na sgìre on chaidh seirbheis nam busaichean a ghearradh.

Thuirt e gu bheil e a' tuigsinn gum feum a' Chomhairle sàbhlaidhean a dhèanamh, ach nach eil suidheachadh a' bhun-sgoil idir ceart.

Chaidh a ràdh gum feum clann cho òg ri còig bliadhna coiseachd fad trì chairteal na h-uarach air rathaidean air nach eil cabhsair.

Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim 's nan Seirbheisean Cloinne, Catrìona Stiùbhart, gum bi coinneamh ann an ath-sheachdain.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.