Seirbheisean bus anns na Hearadh

  • 6 An Gearran 2014
Bus
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ris an suidheachadh a rèiteachadh cho luath 's a ghabhas.

Tha dùil gun tòisich seirbheisean bhusaichean anns na Hearadh a-rithist a dh'aithghearr, às dèidh mar a chaidh an stad gu h-obann an t-seachdain seo chaidh.

Thug seo buaidh air trì seirbheisean ann an Ceann a Tuath an eilein.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ris an suidheachadh a rèiteachadh cho luath 's a ghabhas.

Stad seirbheisean eadar an Tairbeart agus Scalpaigh, an Tairbeart agus Reinigeadal, agus an Tairbeart agus Ath Linne, nuair a b' fheudar dhan fhear aig an robh na cùmhnantan an toirt gu crìch.

Lorg a' Chomhairle busaichean airson dhà de na seirbheisean an ìre mhath sa bhad, ach tha iad fhathast gun bhus airson an t-seirbheis eadar an Tairbeart is Scalpaigh.

Aonta

Dh'innis a' Chomhairle Diardaoin gu bheil iad air tighinn gu aonta eadar-amail a thaobh na seirbheis.

Cuiridh iad cùmhnantan nan trì seirbheisean a-mach gu tairgse - cùmhnant a mhaireas dìreach seachd seachdainnean, gu deireadh na bliadhna-ionmhais seo.

Tòisichidh an cùmhnant ùr air an 17mh là den mhìos seo.

Chun an sin, 's iad a' Chomhairle a bhios a' ruith na seirbheis eadar an Tairbeart agus Scalpaigh airson an dà Dhisathairne a tha romhainn.

Tha iad air cead fhaighinn bho Choimiseanair na Trafaig na busaichean sin a ruith do luchd-siubhail an-asgaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile