Mìneachadh ga iarraidh air RET

Soitheach bathair Chaidh RET a thoirt air falbh bho charbadan coimearsalta ann an 2011.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh barrachd mhìneachaidh bho Mhinistear na Còmhdhail às dèidh dha a ràdh nach biodh RET ga thabhainn do luchd-bathair, fo riaghaltas SNP, ann an Alba neo-eisimeileach.

Bha Keith Brown a' bruidhinn aig co-labhairt ann an Dùn-Èideann an t-seachdain seo.

Thuirt e gum biodh an Riaghaltas a' toirt prìomhachais do loidhne-rèile fìor luath, leudachadh air seirbheisean adhair, agus ceangalaichean rathaid eadar na bailtean mòra a neartachadh.

Tha a-nis fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gum feum am ministear na tha e a' ciallachadh a dhèanamh soilleir.

Cron

"Tha sinne diombach dha-rìribh ma 's ann mar sin a tha cùisean gu bhith," thuirt e.

Start Quote

Tha sinn airson soilleireachadh fhaighinn air an rud a thuirt Ministear na Còmhdhail.”

End Quote Tormod Dòmhnallach Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar

"Tha sinn airson soilleireachadh fhaighinn air an rud a thuirt Ministear na Còmhdhail, agus tuigse cheart a bhith againn air dè feadhair a tha e ag ràdh, 's dè tha e a' ciallachadh leis na tha e ag ràdh.

"Chan e sin idir na sheall an rannsachadh neo-eisimeileach a chaidh a dhèanamh, agus bha an Riaghaltas mar phàirt dheth sin.

"Bha an rannsachadh sin a' sealltainn gu math soilleir gun robh buaidh mhòr aig RET, buaidh mhath, nuair a chaidh a chur a-steach, agus gun robh cron ann nuair a chaidh lùghdachadh a dhèanamh air an uimhir de thaic a bha luchd-giùlain bathair a' faighinn," thuirt e.

Thuirt BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, nach eil ise a' tuigsinn co-dhùnadh an Riaghaltais nas motha.

Soilleir

Thuirt i gun robh e "a' sealltainn nach robh iad buileach airson a' phoileasaidh aca fhèin."

Làraidh a' dol air bòrd bàt'-aiseig Bho chaidh RET a thoirt air falbh bho charbadan coimearsalta, thàinig àrdachadh faraidhean air luchd-bathair.

"Tha e a' sìor fhàs nas soilleire nach eil ann an RET dhan SNP ach brìbearachd shionaigeach do na coimhearsnachdan eileanach againn. Tha Ministear na Còmhdhail cha-mhòr a-nis air sin aideachadh.

"Bho chaidh RET a thoirt air falbh bho charbadan coimearsalta, thàinig àrdachadh faraidhean còrr math 's 175% air luchd-bathair.

"Tha Keith Brown fhathast a' diùltadh gabhail ri torraidhean aithisg a rinn e fhèin, 's a thog aire don chron a rinn call an RET, agus tha e fhathast a' lagachadh an t-seasaimh aige fhèin air RET, agus creideas eaconamach a Riaghaltais 's an iomairt airson neo-eisimeileachd," thuirt i.

Tha Rhoda Ghrannd cuideachd air gluasad a chur air adhart sa Phàrlamaid Albannaich a' càineadh Mhinisteir na Còmhdhail air sgàth a sheasaimh air RET, a thèid a dheasbad le buill.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.