Aonta mu thuath-gaoithe ann an Ceann a Tuath na Hearadh

  • 5 An Gearran 2014
Crann-gaoithe
Image caption Tha an làrach far a bheilear airson na trì crainn a chur còig mìle tuath air an Tairbeart, aig am Monan, faisg air cuaraidh Ceann an Ora.

Chaidh aonta a ruighinn mu thuath-gaoithe ann an Ceann a Tuath na Hearadh, 10 bliadhna às dèidh dhan choimhearsnachd tòiseachadh a' beachdachadh air.

Bha trioblaidean ann le planaichean 'son a' phròiseact, leis gun robh an làrach aig am Monan ro fhiadhaich.

Thòisich Urras a' Chinn a Tuath a' beachdachadh air a' phròiseact ann an 2003.

Tha an làrach far a bheilear airson na trì crainn a chur còig mìle tuath air an Tairbeart, aig am Monan, faisg air cuaraidh Ceann an Ora.

Windflow UK

Airson tuath-gaoithe sam bith, tha feum air gaoth, ach 's e an trioblaid leis a' phròiseact seo gu bheil cus gaoth air a bhith ann.

Tha an t-Urras air a bhith aig obair leis a' chompanaidh Windflow UK, airson crainn-gaoithe a lorg a bhiodh freagarrach airson na làraich.

Gus a' phròiseact a thoirt air adhart, thèid an Urras ann an co-bhanntachd leis a' chompanaidh; bidh sealbh aig an Urras air 10% den cho-bhanntachd.

Gheibhear teachd-a-steach dhan choimheasnachd bhon tuath-gaoithe, le gach crann a' cruthachadh 500 megawatt de dhealan.

Tha dòchas gun tèid an tuath-gaoithe a thogail ro dheireadh na bliadhna-sa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile