Iomairt airson seòmraichean-stiùiridh

  • 5 An Gearran 2014
Poilis
Image caption Chaidh a dhearbhadh an t-seachdain seo chaidh gun dùinear seòmraichean-stiùiridh aig tuath.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air iomairt mar a bh' aca son Stèisean Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh a ghlèidheadh airson ionadan-stiùiridh luchd-smàlaidh agus phoileas a chumail an Inbhir Nis.

Chaidh na h-atharrachaidhean a dhearbhadh an t-seachdain seo chaidh.

Tha an Comh. Tormod MacLeòid, a bha e fhèin uair air a' Bhòrd-Smàlaidh is Bòrd nam Poileas aig tuath, ag ràdh gu bheil an sgìre air smachd a chall.

"Bha sinne a' faighinn seirbheis mhìorbhaillich thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad às an t-seirbheis smàlaidh agus à seirbheis nam Poileas," thuirt e.

"Agus tha sinn a' faicinn nan daoine a bha a' riaghladh sin air an toirt a-mach. A h-uile duine aca air a thoirt air falbh.

"Agus bha sinn a' faicinn, air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, gun robh eachdraidh-obrach na b'fheàrr na bha an àite eile an Alba.

"Tha a h-uile càil a tha sin a-nis an dèidh a thoirt air falbh bhuainn, agus sinn air ar riaghladh bho mheadhan na h-Alba," thuirt e.