Cathraiche ùr aig Comhairle nan Eilean Siar

  • 5 An Gearran 2014
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Chaidh Alasdair MacLeòid a thaghadh mar chathraiche airson Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar.

Chaidh cathraiche ùr a thaghadh airson Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar.

Tha an Comh. Alasdair MacLeòid, à sgìre an Rubha, a' gabhail na dreuchd a leig Eàirdsidh Caimbeul dheth o chionn ghoirid.

Fhuair e aon bhòt a bharrachd air a' Chomh. Ùisdean Robasdan.

'S e Dòmhnall Crichton an Iar-chathraiche ùr, an àite Theàrlaich MhicNeacail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile