Trioblaid nan galairean a' leantainn

  • 4 An Gearran 2014
Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Tha NHS na Gàidhealtachd fhathast air dheireadh air na targaidean nàiseanta.

Feumar barrachd a dhèanamh fhathast airson leapannan ospadail na Gàidhealtachd, agus anns a' chòrr de dh'Alba, a ghlanadh, a rèir aithisg ùir.

Bheachdaich Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd air na tha an aithisg a' ciallachadh dhaibhsan Dimàirt.

Tha an aithisg, a rinneadh le Buidhinn Sgrùdaidh Àrainneachd a' Chùraim Shlàinte, a' sealltainn gun tàinig "àrdachadh susbainnteach" anns na bha de chùisean C-diff eadar an t-Iuchair agus an t-Sultain an-uiridh ann an ospadail na Gàidhealtachd.

Thuirt iad gun robh tuilleadh ri dhèanamh airson leapannan agus bobhstairean a chumail glan.

Tha na figearan airson deireadh na bliadhna an-uiridh a' sealltainn gun tàinig an àireamh a-nuas, ach gun robh i fhathast os cionn thargaidean nàiseanta.

Dh'innis an aithisg gun deach buidheann obrach a chur air bhonn airson dèiligeadh ris a' chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile