Na fèidh "a' cur às do choilltean," a rèir aithisg

  • 3 An Gearran 2014
Fèidh ruadha
Image caption Tha uachdarain a' cumail a-mach nach eil cus fhiadh ann an Alba.

'S e na fèidh an cunnart as motha a th' ann do choilltean dùthchasach na h-Alba, a rèir rannsachaidh ùir.

Mhair Sgrùdadh Choilltean Dùthchasach na h-Alba ochd bliadhna, agus tha dùil gum brosnaich e tuilleadh deasbaid mu bhith a' toirt lùghdachaidh air àireamhan nam fiadh.

'S iad Coimisean na Coilltearachd Alba a rinn an sgrùdadh.

Thathas den bheachd gur e an rannsachadh as coileanta a rinneadh fhathast air àrainneachd sam bith ann am Breatainn.

Tha e ag ràdh gu bheil cha-mhòr dàrna leth nan coilltean dùthchasach a th' ann an Alba ann an staid a tha fallain a thaobh bith-iomadachd dheth.

Ach tha an rannsachadh cuideachd a' sealltainn gun deach sgrìob mòr de choille dhùthchasaich a chall thar an 40 bliadhna mu dheireadh - gu h-àraid air talamh àrd.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil mar a bhios na fèidh ag ionaltradh sna coilltean a' marbhadh chraobhan òga.

Tha beachdan a nochd sna bliadhnaichean a dh'fhalbh gum bu chòir coilltean dùthchasach a dhìon le bhith a' lùghdachadh àireamh nam fiadh, air a bhith connspaideach, le uachdarain agus geamairean a' cumail a-mach gu bheil àireamh chothromach de dh'fhèidh ann an Alba.

Tha dùil gun cuir an aithisg ùr seo ris a' chonnspaid, agus gum brosnaich e tuilleadh deasbaid air a' chùis.