Fear ag obair ann an ionad-stiùiridh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu ionad-stiùiridh nam poileas

3 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thadhail Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgail, air Inbhir Nis Dihaoine agus dragh air nochdadh nach bi an ionad-stiùiridh nàiseanta a thèid a stèidheachadh sa bhaile nuair a dhùineas seòmar-stiùiridh ionadail nam poileas, a leth cho cudromach sa bhathar an dùil.

Ged a bha Mgr MacAsgail a' cumail a-mach gur e ionad dha-rìribh 'nàiseanta' a bhios ann, dhearbh tè a th' aig àrd ìre sna poilis nach bi an goireas ùr ach a' dèiligeadh ri rudan 'ionadail' mar cuirmean-ciùil.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.