Cead do leasachadh Àird nan Saor

Rubha na h-Ìnnse Mòire Dh'fhaodadh gum bi 2,500 cosnadh gan cruthachadh.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh ann am prionnsabal don chompanaidh Port of Ardersier Eta gus seann ghàradh Rubha na h-Ìnnse Mòire, faisg air Àird nan Saor, ath-fhosgladh.

Dheadh an làrach a chleachdadh airson crainn-ghaoithe mara a thogail.

Bha e roimhe ga chleachdadh airson uidheamachd a thogail do ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas.

Am measg nam planaichean tha a bhith ag ath-thogail balla a' chala, a' glanadh grunnd a' chala, agus a' lùghdachadh bàrr gainnmhich dhan mheud a bh' ann ann an 2001.

Tha dùil gun cruthaich na planaichean 2,500 cosnadh.

Dheadh gach cuid na crainn, agus bunaidean nan crann a thogail aig an ionad.

Tha cead fhathast a dhìth air a' chompanaidh bho Riaghaltas na h-Alba, Marine Scotland agus Còmhdhail Alba airson an obair a dhèanamh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur dòcha gum bi na ceadan sin aca taobh a-staigh beagan sheachdainnean.

"'S e naidheachd bhrosnachail dha-rìribh a th' ann don Ghàidhealtachd gum faodadh an t-ionad ola seo, a bha uair cho trang, air ais ag obair," thuirt Ceannard na Comhairle, Drew Hendry.

"Tha coltas gun cruthaich an gnothachas seo sàr-obraichean, agus gun cuir e Àird nan Saor air ais air mapa gnìomhachais na h-Alba."

Dh'fhosgail an làrach tràth sna 1970an, mar Ghàradh MhicDhiarmaid, airson clàir a thogail airson raointean ola agus gas a' Chuain a Tuath.

Aig àirde, bha mu 4,500 duine a' faighinn cosnaidh ann, ach chaidh a dhùnadh ann an 2001 ri linn dìth iarrtais.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.