Aithisg a' moladh Colaiste a' Chaisteil

  • 31 Am Faoilleach 2014
Colaiste a' Chaisteil Image copyright Colaiste Chaisteil Leòdhais
Image caption Mhol an aithisg mar a bha oileanaich gan ullachadh airson saoghal na h-obrach.

Rinn Luchd-Sgrùdaidh Foghlaim na Bànrighinn moladh air Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas.

Chaidh togail gu sònraichte air mar a tha na h-oileanaich air an ullachadh airson saoghal na h-obrach, ged a chaidh innse dhan Cholaiste cuideachd gum feumar leasachadh a thoirt air na h-uimhir de rudan eile.

"Tha sinn air leth toilichte gu bheil an aithisg gar moladh anns an dòigh anns a bheil e gar moladh," thuirt Stiùiriche na Colaiste, Iain Mac a' Mhaoilein.

"Tha mi cinnteach gu bheil sinn mar as trice cleachdte ri daoine a' tighinn a-steach agus a' coimhead gu mionaideach ris na tha sinn a' dèanamh 's ag innse dhuinn nan rudan a tha sinn a' dèanamh ceàrr.

Seasamh Suas

"Ach an-dràsta, a thaobh an sgrùdaidh a bha seo, a bha doirbh aig an àm, tha sinn air leth toilichte gu bheil am moladh a tha seo a' tighinn a-mach às an aithisg.

"Tha mi a' smaointinn gu sònraichte, tha iad a' moladh gu bheil na h-oileanaich a tha a' tighinn chun na colaiste a' faighinn deagh theagaisg, agus gu bheil iad a' faighinn deagh thrèanaidh, agus cuideachd gu bheil iad a' faighinn, gu h-àraidh anns a' chuid as motha de na cùrsaichean, sgilean cosnaidh a tha riatanach airson nan oileanach nuair a gheibh iad obair 's iad ullamh anns a' Cholaiste.

"Tha e cuideachd a' toirt an aire dhuinn gu bheil a' chuid as motha de na tha sinn a' dèanamh aig ìre gu math àrd.

"Ann an iomadh dòigh, tha e cho àrd 's a tha colaistean sam bith anns an Rìoghachd, agus tha sin a' dèanamh toileachas mòr rinn.

"Tha a h-uile duine againn ag aithneachadh, ge b' e dè cho math 's a tha sinn, gum faod sinn leudachadh agus neartachadh.

"Ann an dòigh bha fhios againn gun robh dhà no trì rudan againn a dh'fheumadh sinn a neartachadh, agus tha mi a' smaointinn gu bheil an aithisg fhèin a' dèanamh fìor gu bheil sinn air an t-slighe cheart airson sin a dhèanamh.

"Tha mi a' smaointinn, anns na h-Eileanan agus air Ghàidhealtachd, gu bheil sinn gu math tric a' toirt seachad ar n-ùine dìreach a' coimhead air na rudan ma dh'fhaoidte nach eil cho math.

"Agus tha mi a' smaointinn gu bheil an t-àm againn dìreach seasamh suas agus innse dhan t-saoghal gu bheil sinn cho math, agus, cuid de dhòighean, nas fheàrr na àite sam bith eile," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile