Clèir Leòdhais a' dìon adhradh sgoile

  • 31 Am Faoilleach 2014
Cruinneachadh sgoile Image copyright VT Freeze Frame
Image caption Dh'iarr Comann Daonnaire na h-Alba, agus comataidh de dh'Eaglais na h-Alba, an t-atharrachadh.

Chur Clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba gu làidir an aghaidh gluasad a rinn tè de chomataidhean na h-Eaglais, le Comann Daonnaire na h-Alba, gus atharrachadh a thoirt air an dòigh 's a bheileas ag adhradh ann an sgoiltean.

Tha Comhairle Eaglais is Pobaill Eaglais na h-Alba, agus an Comann, a moladh cur às dha ''àm cràbhaidh'' agus ''àm meòrachaidh'' a chur na àite.

"Tha sinne a' creidsinn gu bheil Crìosd luachmhor anns a h-uile clèir, agus do shluagh na h-Albann air fad," thuirt fear-labhairt na Clèir, an t-Urr. Uisdean Stiùbhart.

"Agus tha sinn an dòchas, agus tha sinn a' creids' gu bheil taic anns gach clèir a thaobh a bhith a' brosnachadh phrionnsabalan Crìosdail air feadh na h-Albann.

"Cha chuir càil bacadh air an t-Soisgeul. Soirbhichidh an t-Soisgeul anns gach ginealach a rèir toil an Tighearna.

"Ach 's e cothrom bacadh a th' ann an seo gu ìre, nan deadh e air adhart.

"Ach tha sinn an dòchas gun dèan an Tighearna na àrd-uachdaranachd slighe troimhe seo airson a bhith a' ruighinn òigridh agus poball na h-Albann air fad," thuirt e.

Thuirt an t-Urr. Sally Foster-Fulton, tè-ghairm Comhairle Eaglais is Pobaill Eaglais na h-Alba, gun tàinig an cuspair seo am bàrr tro ath-chuinge bho Chomann Daonnaire na h-Alba gus lùghdachadh a thoirt air an àireimh de chloinn a bhios aig cruinneachaidhean mar seo.

Thuirt i gu bheil an Eaglais airson is gum bi na cruinneachaidhean fhathast aig cridhe leasachadh spioradail dhaoine òga, ged a bhiodh iad cràbhach no nach biodh.

Thuirt i gun cuireadh an tiotal "àm meòrachaidh'' dìon air na cruinneachaidhean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile