Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tagradh

Rinn Michael Adebolajo, fear de na fireannaich a chaidh fhaighinn ciontach gun mhurt e an drumair Lee Rigby, tagradh an aghaidh an dìtidh. Chaidh e fhèin agus Michael Adebowale fhaighinn ciontach anns an Dùbhlachd gun mharbh iad Lee Rigby taobh a-muigh Ghearasdan Woolwich anns a' Chèitean an-uiridh.

Seirbheisean èiginn

Thèid co-dhùnadh an-diugh an tèid an àireamh de sheòmraichean-stiùiridh smàlaidh a tha an Alba a ghearradh bho ochd gu trì. Tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a' moladh gum bi na h-ionadan ann an Johnstone, Dùn Èideann agus Dùn Dèagh. Thèid a' chùis a dheasbad ann an Dùn Dèagh an-diugh. Thig dearbhadh an-diugh cuideachd bho Ùghdarras Poileas an h-Alba a thaobh nan seòmraichean-stiùiridh aca-san.

Drogaichean

Tha na poilis an Dùn Èideann an dèidh a bhith an sàs ann an rèidean sa mhadainn an-diugh, is oidhirp ann gus smachd fhaighinn air buidheann-eucoir dhrogaichean a tha stèidhichte ann an Lunnainn. Chaidh dà thogalach a sgrùdadh an Dùn Èideann. Chaidh naoi duine fichead a chur an grèim air feadh Bhreatainn. Chan eil fhios fhathast an deach duine aca a ghlacadh an Alba.

Deasbad

Canaidh am Morair Lang, a bha na Rùnaire airson Alba, gum faodadh Alba daoine agus airgead a chall nan bhòtadh an dùthaich airson neo-eisimeileachd. Bidh deasbad ann an Taigh nam Morairean fhathast an-diugh. Thuirt an SNP gun robh am Morair Lang a' feuchainn ri eagal a chur air daoine, agus gum biodh neo-eisimeileachd math dhan eaconomaidh.

Saoranachd

Bidh buill Westminster a' deasbad an-diugh am bu chòir saoranachd Bhreatannach a thoirt air falbh bho chuid a tha fo amharas ceannairc. Chuir Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, am moladh air adhart airson Bile na h-In-imrich. Ach, a dh'aindeoin sin, dh'fhaodadh ar-a-mach a bhith ann am measg nan Tòraidhean - is mòran aca airson feuchainn ri smachd fhaighinn an àireamh de luchd-imrich a gheibh à Romàinia is Bulgàiria a Bhreatainn.

Viktor Yanukovych

Gabhaidh Ceann-suidhe na h-Ùgrain, Viktor Yanukovych, tìde dheth bho obair is e ag ràdh gu bheil e a' fulang le fiabhras. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a dhiùlt luchd-iomairt tairgse de dh'amnesty nan cuireadh iad stad air na h-iomairtean aca. Tha an luchd-iomairt ag iarraidh ceanglaichean nas fhaisg leis an EU, seach Moscow.