Iasgach a' mhuasgain duinn

  • 30 Am Faoilleach 2014
Iasgairean
Image caption An dèidh do chlèibh shònraichte a bhith air an cruthachadh ann an Steòrnabhagh, thèid rannsachadh a dhèanamh le dà eathar ann an Uibhist.

Tòisichidh rannsachadh ùr sna h-Eileanan Siar faic an gabh iasgach ùr a' thòiseachadh - a' glacadh a' mhuasgain-duinn, no am brown shrimp.

Tha e coltach gu bheil fèill orra air Tìr Mòr na h-Eòrpa, gu h-àraidh san Spàinn.

Le casg ga chur air iasgairean bho bhith a' glacadh iomadh seòrsa de dh'iasg is de mhaorach, thathas a' lorg dhòighean eile air cosnadh a dhèanamh.

Dh'innis Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil iasgairean air a bhith gan glacadh sna clèibh o chionn ghoirid, am measg maoraich eile.

Uibhist

An dèidh do chlèibh shònraichte a bhith air an cruthachadh ann an Steòrnabhagh, thèid rannsachadh a dhèanamh air na muasgain donna le dà eathar ann an Uibhist.

Feumar sgrùdadh a dhèanamh air dè an seòrsa biathadh as fheàrr leotha, dè an seòrsa meud a th' annta, agus dè an t-àm den bhliadhna aig am bi iad a' breith uighean.

Nas cudromaiche buileach, dh'fheumte faighinn a-mach dè an àireamh dhiubh a gheibhear beò do na margaidhean thall-thairis.

Le luchd-eòlais feumach air freagairtean, thug Riaghaltas na h-Alba taic-airgid don bhuidhinn airson an rannsachadh a dhèanamh.

Iarrtas

Le iarraidh mhòr orra sa mhargaidh - aig suas ri £25 gach cileagram - bheireadh an leasachadh seo cuideam bhon mhaorach eile a thathas a' glacadh sna h-Eileanan.

Ged a tha margaidh glè mhath ann, thall san Spàinn gu h-àraidh, chan eil mòran dhaoine a' glacadh a' mhuasgain duinn an Alba.

Le làraidhean a' falbh dhan Roinn Eòrpa gach seachdain, bhiodh deagh chothrom ann stocan a chur còmhla ris a h-uile maorach beò eile a bhios a' falbh.

Thuirt Mgr MacAonghais: "Feumar dèanamh a-mach dè an doimhne air a bheil iad, agus nuair a thèid rannsachadh a dhèanamh ann an Uibhist, thèid na clèibh a tha sin a chleachdadh ann an diofar àiteachan eile tro na h-Eileanan an Iar.

"Tha sinn an ìre mhath cinnteach às gu bheil beò-shlainnt ann do dhà no trì bhàtaichean," thuirt e.

Thathas an dòchas, ma thèid structar riaghlaidh ceart a chur air dòigh o thùs, gur ann maireannach a bhios an t-iasgach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile