Dùinidh ionadan-èiginn

Tè ann an seòmar-stiùiridh Inbhir Nis An-dràsta, 's ann gu seòmar-stiùiridh Bhaile Eoghainn, ann an siorrachd Rinn Friù, a bhios an dàrna leth de na h-iarrtasan airson taic a' dol.

Sgeulachdan co-cheangailte

Thàinig dearbhadh gur e dìreach trì ionadan-stiùiridh a bhios aig Seirbheis Smàlaidh na h-Alba airson dèiligeadh ri brathan èiginn, an àite nan còig a th' ann an-dràsta.

Tha sin a' fàgail nach eil ionad-stiùiridh tuilleadh gu bhith stèidhichte air Ghàidhealtachd.

Tha còig ionadan gan dùnadh uile gu lèir - Inbhir Nis, Obar Dheathain, Dùn Phris, an Eaglais Bhreac agus Fìobha.

Thathas a' moladh gum biodh na trì ionadan an Alba ann am Baile Eoghainn, Dùn Èideann agus Dùn Dèagh.

Poilis

Cho-dhùin Ùghdarras Phoileas an h-Alba cuideachd Diardaoin na th' aca de sheòmraichean-stiùiridh a ghearradh bho 11, gu còig.

Bidh an t-ionad ann an Inbhir Nis a' dèiligeadh a-mhàin ri iarrtasan dàta nam Poileas agus tachartasan mòra.

Còmhla, tha na dùnaidhean seo a' fàgail nach bi ionad-stiùiridh aig gin de na seirbheisean èiginn idir ann an Obar Dheathain, no ann an Dùn Phris.

Air feadh na dùthcha, tha Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba air an gairm còrr is 250 turas gach là.

An-dràsta, 's ann gu seòmar-stiùiridh Bhaile Eoghainn, ann an siorrachd Rinn Friù, a bhios an dàrna leth de na h-iarrtasan airson taic a' dol.

Sàbhalaidhean

Thathas an dòchas £18m a chùmhnadh le bhith a' reic nan seann toglaichean, agus gun tèid £4.7m eile a' shàbhaladh ri linn dòighean-obrach ùra.

Chan ann gun chonnspaid a tha seo ga dhèanamh, le cuid den bheachd gun tèid eòlas ionadail a chall - eòlas a tha cudromach nuair a thèid seibheisean èiginn a' ghairm.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.