Eilean Cholla
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seirbheis fòn-làimhe do Cholla?

29 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil cus àiteachan air fhàgail far nach obraich fòn-làimhe, ach anns na sgìrean a tha fhathast às aonais seirbheis tha draghan ann nach eil ùidh aig na companaidhean mòra crainn ùra a chur an-àirde.

Tha Eilean Cholla am measg nan sgìrean sin, ach dh'fhaodadh nach bi airson fada tuilleadh.

An t-seachdain seo chaidh sgeama dearbhaidh mu choinneamh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson crann agus seirbheis fòn-làimhe a thoirt do choimhearsnachd Cholla air prìs nas ìsle na phàigheadh iad airson seirbheis àbhaistich.