Gealltannas mun bhuidhinn-riaghlaidh

Comhairle na Gàidhealtachd Tha co-bhanntachd Lib-Deamach / Nàiseantach a' riaghladh na Comhairle.

Tha Ceannard agus Leas-cheannard Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun cùm iad orra ag obair còmhla ann am buidheann-riaghlaidh na Comhairle, a dh'aindeoin 's mar a chaidh iad a-mach air a chèile gu poblach mu atharrachaidhean a th' anns an amharc ann an seirbheisean poilis agus smàlaidh.

Thuirt an Leas-cheannard, an Lib-Deamach Dàibhidh Alston, gun robh a' chùis air cron a dhèanamh air cliù a' Cheannaird, an Nàiseantach Drew Hendry.

Tha làn-dùil gun tèid dearbhadh Diardaoin gun dùin seòmar-stiùiridh na seirbheis smàlaidh ann an Inbhir Nis, às dèidh mar a sgaoil an naidheachd an t-seachdain a chaidh.

Dh'fhàg an Dr. Alston air a' Cheannard Drew Hendry, gun robh an SNP air dòighean greisidh a chleachdadh airson droch naidheachd fhalach.

A-nis tha an Dr. Alston ag ràdh ged a tha dragh air mun dòigh anns an tàinig an naidheachd a-mach, nach eil e idir a' cur teagamh ann am Mgr Hendry gu pearsanta.

Thuirt e gu bheil e fallain, ann an deamocrasaidh, gum bi diofar bheachdan aig daoine - gu h-àraid air cuspairean nàiseanta.

Leanaidh iad orra, thuirt e, ag obair còmhla air na rudan a bheir buaidh air a' Ghàidhealtachd, mar a gheall iad roimhe.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.