Clàradh coimhearsnachd ga mholadh

Fearann Tha dleastanas a-nis air croitearan an cuid fearainn a chlàradh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur ìmpidh air croitearan an talamh aca a chlàradh ann am buidhnean - an àite a bhith a' clàradh gach croite fa leth.

Gheibh croitearan a tha am beachd sin a dhèanamh taic bhon Riaghaltas agus iad gu bhith a' cumail bhùithdean-obrach gus comhairle a thoirt seachad.

Thuirt an Riaghaltas gum faodadh gun rachadh aig daoine air argamaidean neo fiù 's cùisean-lagha mu chrìochan a sheachnadh nan clàradh iad an cuid chroitean mar phàirt de bhuidhinn.

Bha an sgeama a' ruith air bhonn saor-thoileach sa chiad bhliadhna, ach a-nis tha dleastanas air gach croitear a' chroit aca a chlàradh.

"Chan ann a-mhàin ceangailte ri eachdraidh na h-Alba a tha croitearachd. 'S ann a tha pàirt cudromach aice ri chluich sna tha ri teachd cuideachd," thuirt Ministear na h-Àrainneachd Pòl Wheelhouse.

"Leis cho cudromach 's a tha clàradh a thaobh rianachd ann an coimhearsnachdan croitearachd, tha mi a' guidhe air na coimhearsnachdan sin gun obraich iad còmhla, le taic bho Chlàraidhean na h-Alba agus buidhnean croitearachd eile, a dh'ionnsaigh tagraidhean buidhne a chur a-steach do Chlàr na Croitearachd.

"'S iomadh buannachd a tha an cois a' chlàir - leithid a bhith a' seachnadh chùisean lagha mu chrìochan croite," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.