Piseach a' tighinn air gnìomhachas an togail

  • 29 Am Faoilleach 2014
Drochaid Rathaid Fhoirthe
Image caption Bheir pròiseactan taigheadais, obair-leasachaidh air seach-rathad Obar Dheathain agus air drochaid ùr Linne Fhoirthe brosnachadh dhan roinn.

Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 30,000 cosnadh a chruthachadh ann an gnìomhachas an togail ann an Alba san ath cheithir bliadhna.

Tha sin a rèir rannsachaidh bho Bhòrd Trèanaidh Gnìomhachas an Togail, (CITB).

Thuirt am Bòrd Trèanaidh gun tigeadh leudachadh air a' ghnìomhachas ri linn sgeama cuideachaidh an Riaghaltais airson taighean a cheannach.

Thuirt iad cuideachd gun toireadh pròiseactan taigheadais, obair-leasachaidh air seach-rathad Obar Dheathain agus air drochaid ùr Linne Fhoirthe brosnachadh dhan roinn.

Rabhadh

Tha rabhadh ann ge-tà, nach bi cùisean cho fallain ann an Alba an coimeas ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha dùbhlain mhòra air a bhith mu choinneimh chompanaidhean togail sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, le mòran phròiseactan taigheadais gan cur an dàrna taobh air sgàth dìth airgid agus creideas.

Ach, leis mar a tha fàs a' tighinn air an eaconamaidh, tha adhbharan misneachd ann a-rithist.

Cosnaidhean

A rèir an sgrùdaidh, thèid suas ri 30,000 cosnadh a bharrachd a chruthachadh sa ghnìomhachas ro 2018.

Tha iad den bheachd gun tig àrdachadh de 2% san roinn gach bliadhna ann an Alba.

Bheireadh sgeama ''Help to Buy'' an Riaghaltais taic dhan sin, ged nach bi cùisean ann an Alba cho fallain ris a' chòrr den dùthaich.

Tha an CITB airson 's gun tèid ceumannan a ghabhail gus trèanadh a bharrachd a thoirt do dhaoine a dh'fhaodadh na h-obraichean seo a' dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile