Mark Carney ann an Dùn Èideann

  • 29 Am Faoilleach 2014
Mark Carney Image copyright Getty Images
Image caption Bidh Mark Carney a' bruidhinn air a' bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air siostaman airgid.

Thèid Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, an sàs anns an deasbad mu neo-eisimeileachd do dh'Alba Diciadain.

Bheir e òraid seachad ann an Dùn Èideann, agus tha dùil gun tèid e an sàs anns an deasbad mun airgead a bhiodh Alba neo-eisimeileach a' cur gu feum.

Tha na Nàiseantaich a' cumail a-mach gum biodh e gu buananchd Alba agus na Rìoghachd Aonaichte nan cumadh iad an not.

Coinnichidh Mgr Carney cuideachd ris a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond.

Airgead

Tha an deasbad mu dheidhinn an airgid a chleachdadh Alba neo-eisimeileach air a bhith gu math cudromach san deasbad fharsaing gu ruige seo, agus tha Mgr Carney air a ràdh gum biodh esan deònach beachdachadh air a' chùis ann an dòigh "teicnigeach, neo-thaobhach agus tioram".

Ach tha e air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn plana an riaghaltais airson cleachdadh an not ann an aonta leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, mas e agus gun bhòt Albannaich airson neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Carney, an t-seachdain seo chaidh, gu bheil ceistean an lùib na cùis, 's gu bheilear mar-thà air an leithid fhaicinn san Roinn Eòrpa.

Image caption Tha an deasbad mu dheidhinn an airgid a chleachdadh Alba neo-eisimeileach air a bhith gu math cudromach san deasbad fharsaing.

Tha Mgr Carney a' togail a' cheist, ag gabhadh aonta airgid a bhith eadar dà dhùthaich gun structairean poilitigeach nas làidire a bhith eatorra, agus dùil gun toir e iomradh mun sin na òraid ann an Dùn Èideann.

Coinneamh

Tha Mgr Carney cuideachd gu bhith a' bruidhinn ri Mgr Salmond ann an coinneimh phrìobhaidich.

Dimàirt, dh'innis Mgr Salmond gun tuirt Mervyn King, a bha na Riaghladair air Banca Shasainn ro Mark Carney, gun robh cùisean doirbh dha Riaghaltas na h-Alba air sgàth 's gun robh an riaghaltas ann an Lunnainn ag ràdh aon rud an-dràsta, 's gun atharraicheadh sin nuair a bhòtadh Albannaich airson neo-eisimeileachd.

Bidh Mgr Salmond an dòchas gur e an aon sheòrsa teachdaireachd a bhios air Mgr Carney nuair a bhruidhneas e ris gu prìobhaideach.

Gu ruige seo, tha an not air a bhith na cheist mhòr san deasbad eadar an dà thaobh - dè a chleachdas Alba às dèidh neo-eisimeileachd, mas e sin a thachras?

Tha e coltach gu bheil cothrom aig Alba an not a chleachdadh ann an Alba neo-eisimeileach, ma thogras Riaghaltas na h-Alba sin a dhèanamh.

Aonta

Tha ceist ann ge-tà, a bheil Alba gu bhith a' dèanamh sin air taobh a-staigh aonta foirmeil.

Sin a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh, agus iadsan ag ràdh gun obraicheadh sin an dà chuid do dh'Alba, agus a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha riaghaltas Bhreatainn air a ràdh nach eil e coltach gun tachradh sin agus nach gabhadh an riaghaltas ann an Lunnainn ris.

Image copyright AFP
Image caption Tha coltas nach gabhadh muinntir Shasainn ris nas mò, gu h-àraidh le Banca Shasainn fhathast gu bhith ag obair mar phrìomh bhanca na h-Alba.

Tha coltas nach gabhadh muinntir Shasainn ris nas motha, gu h-àraidh le Banca Shasainn fhathast gu bhith ag obair mar phrìomh bhanca na h-Alba.

Bidh fèill mhòr air beachdan Mhgr Carney air an leithid, gu h-àraidh na their e mun cheist an obraicheadh seo gu practaigeach.

Not

Tha dùil gum bi ceist an not glè chudromach mar chuspair anns na mìosan ron referendum.

Aig a' cheann thall, tha fios bho na cunntasan bheachd a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid gur e an eaconamaidh an rud as motha a tha air aire dhaoine.

'S e a' cheist as cudromaiche a bhios aig daoine, a bheil an deasbad seo a' dol a thoirt buaidh orrasan nam pòcaidean - a bheil e gu bhith a' toirt buaidh air cosnaidhean, peinnseannan agus mar sin air adhart.

'S iad sin na cuspairean air am bi an dà thaobh ag argamaid sna mìosan a tha romhainn.