Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rannsachadh às dèidh do bhàta bualadh sa chidhe

29 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha rannsachadh a' dol às dèidh don bhàta bathair MV Clipper Ranger bualadh anns a' chidhe ann an Steòrnabhagh madainn Dimàirt.

Cha deach duine a leòn sa chùis, ach tha an soitheach air a milleadh cho dona 's gu feumte a toirt far na slighe airson a càradh.

Tha tolg san deireadh aice, agus chaidh pìos dhen t-slige aice a shracadh.