Diofar dhaoine; diofar bheachdan

  • 29 Am Faoilleach 2014
Brataichean
Chan urrainn do dhuine a ràdh le cinnt dè a th' air fàire do dh'Alba, ach 's e Albannaich an là an-diugh a chuireas romhainn dè an t-slighe a ghabhas sinn.

Fad còrr is 300 bliadhna tha Alba air a bhith na pàirt den Rìoghachd Aonaichte, dùthaich taobh a-staigh dùthcha le nàbaidh mhòr mu dheas.

Ach anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, tha barrachd is barrachd Albannach air a bhith a' faighneachd, am bu chòir dhi slighe eile a ghabhail?

A-nis, air an 18mh là den t-Sultain, thèid an dearbh cheist sin fhaighneachd do dhaoine ann an Alba.

Anns a' phrògram, Rathad an Referendum: An Roghainn, cluinnear beachdan bho Ghàidheil a th' air gach taobh den deasbad as cudromaiche do mhuinntir na h-Alba ann an iomadh ginealach.

Aonaichte

Tha am Brigadier Iain MacPhàrlain an dòchas gum bhòt Albannaich gus fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte.

"Nam chridhe-sa tha mi nam eileanach, tha mi nam Ghàidheal, tha mi nam Albannach agus tha mi nam Bhreatannach, agus chan eil mi a' faicinn diofair eadar na rudan sin," thuirt am Brigadier.

Sasainn

Ach an gabhadh muinntir Shasainn ris nam bhòtadh Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail?

"Tha gu leòr de Shasannaich, daoine nach eil a' gabhail aire ann am poileataigs bho là gu là, a' smaointinn gu bheil Alba air gluasad air falbh co-dhiù," thuirt Torcuil Crichton, Deasaiche Westminster an Daily Record.

Misneachail

Fad nam bliadhnaichean bha cuid cinnteach gun tachradh seo aig a' cheann-thall.

"Uill, bha misneachd agam a-riamh bho chaidh mi na lùib, ach cha robh dùil aig duine gun robh e a' dol a thachairt cho luath," thuirt a' Bhana-chleasaiche, Dolina NicIllFhinnein.

Oileanaich

Anns na mìosan a tha romhainn fàsaidh an t-sabaid airson taic nas cruaidhe agus nas fhollaisiche air sràidean na dùthcha.

Astar beag bho mheadhain Ghlaschu, air an Taobh Siar, tha an dà thaobh a' strì gus taic fhaighinn bho oileanaich. Nam measg, tha Màiri NicIlleChiar, a bheir taic do neo-eisimeileachd.

"Tha mi a' smaointinn gur e an aon chothrom a tha gu bhith aig duine sam bith na peinnseanan a ghlèidheadh agus foghlam a bhith aca an asgaidh, 's e neo-eisimeileachd," thuirt i.

Armachd niuclasach

Gheall am Pàipear Geal cuideachd gun cuireadh an SNP às do dh'armachd niuclasach air Chluaidh ron taghadh Albannach ann an 2020.

Ach tha cuid draghail mun bhuaidh air cosnaidhean air an abhainn.

Bha Aonghas MacGuaire ag obair fad bhliadhnaichean anns na gàrraidhean. Na bheachd-san, tha dlùth cheangail eadar an MoD agus an gnìomhachas, a bhiodh ann an èigin taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte.

"Tha an Scottish Government ag ràdh gun cuireadh iadsan trì bàtaichean a-steach a sin, ach chan eil a sin ach trì bàtaichean, dè size a bhios anns na trì bàtaichean a tha sin? Dè cho fad 's a mhaireas sin? 'S dòcha gum mair sin dà bhliadhna no trì bliadhna, cà' eil sinn a' dol an uair sin?" thuirt Mgr MacGuaire.

Chan urrainn do dhuine a ràdh le cinnt dè a th' air fàire do dh'Alba, ach 's e Albannaich an là an-diugh a chuireas romhainn dè an t-slighe a ghabhas sinn.