Tuilleadh fianais mu chamarathan an A9

  • 28 Am Faoilleach 2014
Làraidhean Image copyright PA
Image caption Tha còrr is 2,000 duine air an ainmean a chur ri ath-chuinge an aghaidh a' phlana.

Tha buill na Pàrlamaid Albannaich air aontachadh tuilleadh fianais a thionail mun phlana chonnspaideach airson camarathan a bhios a' tomhais astar dhràibhearan air an A9 eadar Inbhir Nis is Dùn Bhlathain.

Tha còrr air 2,000 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge air-loidhne an aghaidh a' phlana bho Riaghaltas na h-Alba.

Rachadh astar dhràibhearan a thomhais thairis air fad na slighe, an àite a bhith air an dìteadh airson an astair a bh' aca aig aon àite sònraichte.

Tha luchd-iomairt ag ràdh gun dèanadh na camarathan sin cùisean air an rathad nas miosa.

'S e an A9 an rathad as cunnartaiche an Alba, a rèir sgrùdaidh

Thèid an rathad air fad eadar Inbhir Nis agus Peairt a dhèanamh dùbailte sna bliadhnaichean a tha romhainn, leis an obair gu bhith deiseil ann an 2025.

Tha dùil gun cosg an obair £3bn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo